Firefox airson iOS

Cuir Firefox ris an iPhone, iPad is iPod Touch agad.

Luchdaich a-nuas e on App Store

Cuir Firefox air an uidheam iOS agad

Clàraich a-steach gun chunntas Firefox agad gus an dàta brabhsaidh agad fhaighinn air gach uidheam mobile agad.

  • Eachdraidh
  • Faclan-faire
  • Tabaichean fosgailte
  • Comharran-lìn

A bheil cunntas agad mu thràth? Clàraich a-steach

Rinn thu clàradh a-steach mu thràth!

Faigh barrachd fiosrachaidh mun t-sioncronachadh

Sioncronaich an eachdraidh brabhsaidh Firefox agad air iOS

Barrachd fiosrachadh san App Store

Cum am fiosrachadh prìobhaideach agad prìobhaideach

Tha sinne dhen bheachd gur ann agad-sa a tha am fiosrachadh prìobhaideach agad. Tha Firefox airson iOS loma-làn de ghleusan a chumas mar sin e.

  • Falamhaich an eachdraidh

    Sguab às an eachdraidh brabhsaidh, na faclan-faire agad 's mòran a bharrachd le aon ghnogag. Tagh dè an dàta prìobhaideach a bu toigh leat a thoirt air falbh ma bhios agad ri thoirt air falbh.

    Mar a dh'fhalamhaicheas tu an eachdraidh agad
  • Brabhsadh prìobhaideach

    Ma chuireas tu an gnìomh e, cha ghabh Firefox airson iOS ri briosgaidean, cha chuimhnich e faclan-faire ’s cha chlàraich e na làraichean air an tadhail thu.

    Barrachd fiosrachaidh mun bhrabhsadh phrìobhaideach