Tha coltas gu bheil thu a' cleachdadh seann-tionndadh de Firefox.

Chan obraich an tionndadh as ùire dhen ghleus sioncronachaidh ach leis an tionndadh as ùire de Firefox

Chan eil san t-sioncronachadh ach aon dhe na gleusan snasail againn ann am Firefox.

Sioncronaich Firefox leis na h-uidheaman iOS agus Android agad.

Luchdaich a-nuas Firefox — Gàidhlig

Dh’fhaoidte nach eil an siostam agad a’ coileanadh riatanasan Firefox ach is urrainn dhut aon dhe na tionndaidhean a leanas fheuchainn:

Luchdaich a-nuas Firefox — Gàidhlig

Chan eil comasan gu leòr aig an t-siostam agad 's chan urrainn dha Firefox a ruith.

Chan eil comasan gu leòr aig an t-siostam agad 's chan urrainn dha Firefox a ruith.

Please follow these instructions to install Firefox.

Prìobhaideachd Firefox

Toiseach-tòiseachaidh leis an t-sioncronachadh ann an ceithir ceumannan:

  1. Fosgail an clàr-taice gu h-àrd ann am Firefox air an taobh deas is tagh "Clàraich a-steach airson sioncronachadh."
  2. Briog air "Toiseach-tòiseachaidh" anns an taba a dh'fhosglas.
  3. Cuir a-steach seòladh puist-d agus facal-faire is briog air "Cruthaich cunntas Firefox."
  4. Briog air "Air adhart" is gheibh thu post-d dearbhaidh.

An dèidh dhut sùil a thoirt air a' phost-d agad is briogadh air a' cheangal dearbhaidh, bidh gach rud deiseil! Nì Firefox sioncronachadh sa chùlaibh o seo a-mach gu fèin-obrachail.

Ma r a shuidhicheas tu an sioncronachadh ann an còig ceumannan:

  1. Thoir gnogag air putan a' chlàir-thaice (air an sgrìn gu h-ìosal no aig barr a' bhrabhsair air an taobh deas).
  2. Tagh Roghainnean (tha teans gum bi agad ri gnogag a thoirt air Barrachd an toiseach).
  3. Thoir gnogag air Sioncronaich agus an uairsin Toiseach-tòiseachaidh.
  4. Thèid an duilleag Cruthaich cunntas Firefox ùr fhosgladh ann an taba ùr.
  5. Lìon am foirm is briog air Air adhart.

An dèidh dhut sùil a thoirt air a' phost-d agus briogadh air a' cheangal dearbhaidh, bidh thu deiseil. Ceangail na h-uidheaman eile agad ris airson gleus an t-sioncronachaidh a chur gu làn-fheum.

Sioncronachadh, mòr no beag.

Cuir romhad dè na pìosan de Firefox a thèid a shioncronachadh agus càit an dèid an cur. Thoir na tabaichean fosgailte agad leat air an rathad. Faigh cothrom air na comharran-lìn agad aig an obair. Rud sam bith, uair sam bith, àite sam bith.

Aig an taigh

O sheòmar gu seòmar gun stadadh sam bith. Na tabaichean fosgailte agad air an fhòn tapaidh agad no na comharran-lìn agad air an tablaid agad.

Aig an obair

Cum ceangailte ris an fhiosrachadh chudromach agad. Sioncronaich na faclan-faire 's comharran-lìn a tha feum agad orra fad an t-siubhail. Mar a tha Firefox, tha e cho sàbhailte 's a dh'fhaodadh a bhith.

Air an rathad

Cum suas ris na làraichean as fhearr leat no cuir crìoch air rud a thòisich thu aig an taigh — ge be càit a bheil thu. Cha robh e na b' fhasa a-riamh roimhe.

Faigh Firefox àite sam bith

Faigh e air Google Play Luchdaich a-nuas e on App Store