Rinn thu clàradh agus gheibh thu greim air am Firefox agad fhèin àite sam bith a-nis.
Sioncronaich Firefox airson cothrom fhaighinn air na comharran-lìn, faclan-faire 's tabaichean agad o àite sam bith, ge b' ann air fòn tapaidh, tablaid no coimpiutair.
Tha coltas gu bheil thu a' cleachdadh seann-tionndadh de Firefox.
Chan obraich an tionndadh as ùire dhen ghleus sioncronachaidh ach leis an tionndadh as ùire de Firefox
Chan eil san t-sioncronachadh ach aon dhe na gleusan snasail againn ann am Firefox.
An dèidh dhut sùil a thoirt air a' phost-d agad is briogadh air a' cheangal dearbhaidh, bidh gach rud deiseil! Nì Firefox sioncronachadh sa chùlaibh o seo a-mach gu fèin-obrachail.
An dèidh dhut sùil a thoirt air a' phost-d agus briogadh air a' cheangal dearbhaidh, bidh thu deiseil. Ceangail na h-uidheaman eile agad ris airson gleus an t-sioncronachaidh a chur gu làn-fheum.
Cuir romhad dè na pìosan de Firefox a thèid a shioncronachadh agus càit an dèid an cur. Thoir na tabaichean fosgailte agad leat air an rathad. Faigh cothrom air na comharran-lìn agad aig an obair. Rud sam bith, uair sam bith, àite sam bith.
O sheòmar gu seòmar gun stadadh sam bith. Na tabaichean fosgailte agad air an fhòn tapaidh agad no na comharran-lìn agad air an tablaid agad.
Cum ceangailte ris an fhiosrachadh chudromach agad. Sioncronaich na faclan-faire 's comharran-lìn a tha feum agad orra fad an t-siubhail. Mar a tha Firefox, tha e cho sàbhailte 's a dh'fhaodadh a bhith.
Cum suas ris na làraichean as fhearr leat no cuir crìoch air rud a thòisich thu aig an taigh — ge be càit a bheil thu. Cha robh e na b' fhasa a-riamh roimhe.