Tha sinn air an treas plana Gàidhlig againn a chur air dòigh agus tha sinn a’ brosnachadh luchd labhairt, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus am poball san fharsaingeachd an cuid bheachdan a chur thugainn air cruth nan seirbheisean Gàidhlig.
Seo bhidio goirid a rinn an t-Oifigear Riaghlaidh Coinneach Mac an Tòisich BPA mun phlana.
Agus e a’ cur na suirbhidhean air bhog, thuirt e:
Tha Gàidhlig cudromach. Co-dhiù mura rugadh tu air a’ Ghàidhealtachd, mar a rugadh mi fhìn, tha i na pàirt dhinn agus tha i na pàirt de dhualchas beartach na h-Alba.
Tha Pàrlamaid na h-Alba ag aithneachadh na h-inbhe sònraichte a tha aig a’ Ghàidhlig, agus chithear sin anns na laghan againn agus anns na seirbheisean Gàidhlig a tha sinn a’ tabhann do dhaoine nuair a tha iad a’ tadhal air Taigh an Ròid agus a’ dèanamh conaltraidh ris a’ Phàrlamaid.
Mar thoradh air sin, tha sinn a’ cur air bhog dà shuirbhidh mu dheidhinn nan seirbheisean Gàidhlig againn – aon a tha luath is furasta, gus na beachdan agad a thoirt dhuinn gu gearr, agus aon mu dheidhinn a’ Phlana Ghàidhlig againn a tha a’ dèiligeadh ris na bhios sinn a’ dèanamh thairis air an ath chòig bliadhna.
“Do Phàrlamaid, do chànan, thoir dhuinn do bheachdan,” thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh sa Ghàidhlig.
- Gabh an t-suirbhidh sa Bheurla no sa Ghàidhlig
- Faigh a-mach barrachd mu dheidhinn a’ cho-chomhairleachaidh fhoirmeil an seo sa Bheurla no sa Ghàidhlig.
Alasdair
gaidhlig@parliament.scot

