Tha an t-àm ann a-rithist! Bidh Seachdain na Gàidhlig ann an Dùn Èideann a’ tòiseachadh ann an ùine nach bi ro fhada.

Bidh Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail pàirt san t-Seachdain aon uair eile.
Fèill na Gàidhlig – Disathairne 03/11/18
Bidh sgioba Gàidhlig Pàrlamaid na h-Alba an làthair aig Fèill na Gàidhlig ann am Pròiseact Coimhearsnachd a’ Ghrassmarket, 86 Candlemaker Row bho 15:00 gu 17:00.
Bruidhinn ruinn, gabh srubag, èist ri ceòl beò, ceannaich leabhraichean agus faic na bùird aig buidhnean Gàidhlig ionadail is nàiseanta.

Tursan-treòraichte ann am Pàrlamaid na h-Alba – Dihaoine 09/11/2018
Ionnsaich mu eachdraidh, obair is dòighean-obrach Pàrlamaid na h-Alba air an turas treòraichte seo. Faic an seòmar-deasbaid, seòmraichean comataidh agus tòrr a bharrachd.
Bidh dà thuras ann. Bidh a’ chiad turas anns a’ Ghàidhlig airson fileantaich agus luchd-ionnsachaidh aig ìre adhartach.
Turas tro mheadhan na Gàidhlig – 10:45-11-45
Bidh an dàrna turas airson luchd-ionnsachaidh agus bidh e anns an dà-chànan.
Turas dà-chànanach do luchd-ionnsachaidh – 14:15-15:15
Gus àite a chur air dòigh, cuir post-d thugainn air gaidhlig@parliament.scot is innse dhuinn dè an turas a tha thu ag iarraidh agus cia mheud duine a bhios a’ tighinn.
Gheibhear barrachd fios mu Sheachdain na Gàidhlig agus chithear am prògram air fad aig: www.seachdainnagaidhlig.com
Alasdair



