Deasbad gu bhith ann mu 10 bliadhna de BBC Alba #gàidhlig #gaelic @bbcalba


Thèid deasbad Gnothaichean Bhall a chumail Diciadain 19 Sultain air a’ chuspair “A’ Comharrachadh 10 Bliadhna de BBC Alba”.

Seo an gluasad, a chaidh a chur air adhart le Dòmhnall Camshron BPA.

Gnothaichean Bhall

Bidh an deasbad a’ tòiseachadh aig 5f agus faodar coimhead air beò, no san tasglann às dèidh làimh air SPTV. Bidh an Aithisg Oifigeil den deasbad – aithisg sgrìobhte den deasbad – ri fhaighinn an ath latha.

‘S e a th’ ann an Gnothaichean Bhall ach deasbad air cuspair air a thaghadh le cùl-bheingeire. Tha seo a’ toirt cothrom do Bhuill fa leth aire a thogail mu chùisean anns a bheil ùidh aca, ach nach faigheadh ùine deasbaid ann an dòigh sam bith eile.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot

Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail air Prògram Feasgar #gaidhlig @BBCRnG


Thadhail Cathy NicDhòmhnaill bho phrògram Feasgar air Pàrlamaid na h-Alba na bu thràithe an t-seachdain seo airson coimhead air taisbeanadh Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail.

38744633_974266716087969_7029100187658223616_o

Còmhla ri Cathy, bha an dealbhadair pròifeiseanta Dòmhnall MacLeòid ann gus a bheachdan a thoirt seachad air an taisbeanadh.

Chaidh am prògram a-mach beò Diciadain 08 Lùnastal agus Faodar èisteachd ris air-loidhne air làrach-lìn a’ BhBC. Tha an còmhradh mu Dhealbhan Naidheachd an t-Saoghail a’ tòiseachadh aig 35 mionaidean.

Dè do bheachd fhèin air an taisbeanadh? Thig ann is faic dhut fhèin e.

Tha an taisbeanadh air fad dà-chànanach.

Tha Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail saor is an-asgaidh agus tha e fosgailte gach Diluain-Disthairne. ‘S e Disthairne 25 Lùnastal an latha mu dheireadh.

Alasdair

gaidhlig@parliament.scot