Bu chòir oideachadh ciùil ann an sgoiltean a bhith an asgaidh. Is e seo co-dhùnadh aithisg a chaidh a thoirt a-mach an-diugh le Comataidh Foghlam is Sgilean aig Taigh an Ròid a bhios a’ sgrùdadh solarachadh teagasg ciùil ann an sgoiltean.
Tha obair togail, mar raon ann an Alba, gu bhith a’ tighinn fon phrosbaig comataidh ann an Taigh an Ròid.
Chaidh prògram fad bliadhna a chur an cèill an-diugh a bhios a’ comharrachadh 20 bliadhna bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba a chruthachadh.
Bidh Comataidh a’ Cheartais ann am Pàrlamaid na h-Alba a’ dèanamh turas rùn-rannsachaidh gu Oslo mar phàirt de na rannsachaidhean aca air ath-leasachadh sheirbheisean poilis is smàlaidh ...
Tha fianais làidir ann gu bheil cunnart deamografaigeach a’ bagairt air meud buidseat na h-Alba san àm ri teachd, a rèir Comataidh an Ionmhais & na Bun-reachd aig Taigh an Ròid. Dh’fhaodadh seo buaidh a thoirt air caiteachas poblach ann an Alba.
Thèid obair-ealain bho fheadhainn de na dealbhadairean neo-dhreuchdail as fheàrr ann an Alba a thaisbeanadh nas anmoiche sa mhìos seo mar phàirt de thaisbeanadh ùr aig Pàrlamaid na h-Alba.
Thèid ainmean nan daoine a bhàsaich fhad ’s a bha iad a’ dèanamh seirbheis às leth Alba anns a’ Chiad Chogadh Mhòr a phròiseactachadh air togalach Pàrlamaid na h-Alba air Didòmhnaich 11 Sultain 2018 ...
Tha Comataidh Co-ionnanachdan agus Còraichean Daonna air gairm airson bheachdan a chur air bhog air molaidhean a bhiodh a’ toirt air falbh ‘peanasachadh reusanta’ mar leisgeul ann an lagh na h-Alba.
Tha Comataidh a’ Cheartais ann an Taigh an Ròid a’ toirt taic do chleachdadh a bharrachd de dhòighean-obrach leithid Rèiteach Eadar-roghnach airson Deasbadan ...
Tha a’ Chomataidh an-dràsta a’ rannsachadh bochdainn ann an obair agus dè a’ bhuaidh a tha aig siostam tèarainteachd shòisealta againn orrasan a tha ann an obair ach le teachd-a-steach ìosal.