-
Gheibh thu a-mach mu na coinneamhan comataidh a tha gan cumail agus na th’ air a’ chlàr-gnothaich bhon Iris Ghnothaichean.
-
Faodaidh daoine fa-leth (1-9 neach) iarraidh airson tiogaidean air a’ char as tràtha 7 làithean ron choinneimh dham bu toil leotha dol. Mar as àbhaist cha bhi an clàr-gnothaich air a rèiteach nas tràtha na 7 làithean ro-làimh.
-
Faodaidh buidhnean de 10-15 tiogaidean a chur air dòigh nas fhaide air thoiseach na 7 làithean ach a-mhàin mas ann air an latha a thagh sibh a bhithear an dùil ri coinneamh comataidh.
-
-
Nach lion thu am foirm gu h-ìosal gus tiogaidean iarraidh. Is e foirm iarrtais airson tiogaidean a tha seo ’s chan eil e na shiostam clàraidh air-loidhne. Ma bhios tiogaidean rim faighinn cuiridh sinn post-d thugad gus an clàradh agad dhaingneachadh.
-
Air an làimh eile, faodaidh tu fòn no post-d a chur thugainn ag iarraidh tiogaidean. Tha fiosrachadh air mar a chuireas tu fios oirnn sa bhocsa air taobh dheis na duilleige seo.