Samhlaidhean Cumhnant nan Duthchannan Aonaichte air Coraichean Chloinne
Tha sinn air tionnadh sìmplidh a dhèanamh de Chùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne .Tha e a’ mìneachadh nan 42 alt sa Chùmhnant a’ cleachdadh shamhlaidhean agus cànan a tha furasta a leughadh.
Dh’obraich sinn còmhla ri Coimiseanar na Cloinne airson na Cuimrigh agus Coimiseanar na Cloinne airson Sasainn gus an tionndadh seo a chruthachadh de Chùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne. Chaidh a dhèanamh le Widgit Software.
Is urrainn dhut an goireas a luchdadh a-nuas air-loidhne
Cò dha a tha an goireas seo?
Chaidh goireas nan Samhlaidhean againn a chruthachadh mar inneal-conaltraidh airson clann is òigridh:
- a tha balbh,
- aig a bheil duilgheadasan cainnt is cànain, no
- aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd.
Faodar an cleachdadh cuideachd airson beachdan a chur an cèill mu chòraichean do chloinn glè òg.
Chaidh an goireas a dhealbhadh airson inbhich a tha ag obair le clann is daoine òga ann am farsaingeachd de shuidheachaidhean. Am measg nan inbheach a dh’fhaodadh a chleachdadh, tha:
- pàrantan agus luchd-cùraim;
- luchd-foghlaim,
- luchd-obrach taice,
- luchd-obrach òigridh, agus
- cleachdaichean.
Cò a chuidich sinn gus an goireas seo a chruthachadh?
Chuidich clann agus daoine òga ann an Alba, Sasainn agus a’ Chuimrigh sinn gus an goireas seo a dhèanamh.
Ann an Alba, fhuair sinn beachdan air na samhlaidhean bho chloinn agus daoine òga aig:
- Sgoil-àraich Newark ann an Inbhir Chluaidh
- Bun-sgoil Sràid Annette ann an Glaschu
- Bun-sgoil Garnetbank ann an Glaschu
- Sgoil Coresford ann an Siorrachd Rinn Friù, agus
- na 10mh Cubs, Comar nan Allt, Siorrachd Lannraig a Tuath.
Taing mhòr dhan chloinn is òigridh uile a thug beachdan dhuinn a chuidich leis a’ ghoireas seo. Faic gailearaidh de na daoine a ghabh pàirt.
Chaidh Gàidhlig a chur air a’ ghoireas againn le Alpha Translate.