Naidheachd

 

Achd Saorsa Fiosrachaidh feumach air leasachadh, a rèir Comataidh Sgrùdaidh Poblach Thaigh an Ròid

Ann an aithisg sgrùdadh iar-reachdail a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh Sgrùdadh Poblach Thaigh an Ròid* ag ràdh gu bheil an Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) (FOISA) air soilleireachd ...

Dè cho deiseil ’s a bha sinn airson a’ ghalair sgaoilte Covid-19 agus ciamar a dheasaicheas sinn airson galar sgaoilte san àm ri teachd, tha Comataidh Pàrlamaid a’ faighneachd

Bidh Comataidh Slàinte is Spòrs Phàrlamaid na h-Alba a’ sgrùdadh planadh èiginn agus dìon nàiseanta na dùthcha às dèidh sgaoileadh COVID-19.

BPA a’ sireadh bheachdan air tighinn a-mach à bacadh-gluasaid

Tha Comataidh Covid-19 Phàrlamaid na h-Alba, a bhios fo dhleastanas beachdachadh air atharrachadh sam bith air reachdas bacadh-gluasaid, air co-chomhairle a thòiseachadh gus beachdan a shireadh air tighinn às a’ bhacadh-gluasaid a th’ ann an-dràsta.

Comataidh Slàinte is Spòrs dol a sgrùdadh buaidh Covid-19 air dachaighean cùraim

Chuir Comataidh Slàinte is Spòrs Phàrlamaid na h-Alba suirbhidh air bhog an-diugh a’ coimhead air na cùisean sònraichte a tha mu choinneamh dachaighean cùraim ri linn galar lèir-sgaoilte corònabhìorais.

Comataidh Phàrlamaid na h-Alba dol a ghabhail fianais bho phrìomh mhicro bith-eòlaiche air buaidh COVID-19

Gabhaidh Comataidh Phàrlamaid na h-Alba fianais bho phrìomh mhicro bith-eòlaiche, an t-Àrd-ollamh Hugh Pennington, agus iad a’ tòiseachadh air an sgrùdadh aca air freagairt an Riaghaltais ri COVID-19.

Comataidh aig Taigh an Ròid a’ cur air bhog sgrùdadh air buaidh Covid-19 air co-ionannachd agus còraichean daonna

Tha BPA a’ sgrùdadh droch bhuaidh Covid-19 agus na riaghailtean bacadh gluasaid a chaidh a chur air sluagh na h-Alba.

Sgrùdadh dol a thachairt air buaidh Corònabhìorais air clann is daoine òga

Nì Comataidh Foghlaim is Sgilean aig Taigh an Ròid sgrùdadh air a’ bhuaidh a tha tinneas Corònabhìorais air toirt air clann is daoine òga agus iad a’ gairm na h-obrach aca mar fhreagairt ris an èiginn slàinte phoblaich a th’ ann an-dràsta.

Leas-oifigear Riaghlaidh ùr, Lewis Dòmhnallach, a’ stiùireadh na Pàrlamaid airson a’ chiad uair

Tha am BPA Lewis Dòmhnallach an-diugh air a bhith na chathraiche air gnothach pàrlamaideach airson a’ chiad uair mar Leas-oifigear Riaghlaidh Phàrlamaid na h-Alba.

Dùil gun tèid Comataidh ùr Covid-19 a chruthachadh leis a’ Phàrlamaid

Thèid Comataidh ùr a chruthachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air an fhreagairt ri Covid-19, le ùmhlachd do chead na Pàrlamaid.

Pàrlamaid na h-Alba a’ gairm phlanaichean sgrùdaidh ùra mar fhreagairt ri Covid-19

Tha an t-Oifigear Riaghlaidh an-diugh air sgrìobhadh chun a h-uile Ball gus planaichean gnothaich ùra a mhìneachadh. Thèid a’ chiad Àm Cheistean Bhiortail Bhall a-riamh a chumail air an Dihaoine seo, 17 Giblean aig 2:30f.

Lean air na meadhanan sòisealta sinn

Twitter logo   Wordpress logo

Facebook logo   YouTube logo

Follow us on Twitter

Keep up to date