Naidheachd

 

Buill neo-ghnìomhach ùra air bòrd Sgrùdadh Alba air an ainmeachadh

Thèid dithis ball neo-ghnìomhach ùra a chur an dreuchd le Coimisean na h-Alba airson an Sgrùdaidh Phoblaich an dèidh eacarsaich-fhastaidh fhosgailte a chumail, thathar air ainmeachadh.

BPAan a’ lorg fàilligeadh dona ann siostam chungaidhean-leighis nach eil a’ cur euslaintich sa phrìomh àite

Lorg sgrùdadh Comataidh Phàrlamaid na h-Alba air solar is iarrtas airson chungaidhean-leighis nach robh an siostam co-leantaileach agus nach bi e a’ cur euslaintich sa phrìomh àite.

Tha Comataidh na h-Àrainneachd, Atharrachadh Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh Fearainn aig Taigh an Ròid air rannsachadh mu Ath-shlànachadh Uaine a chur air bhog

Tha Comataidh na h-Àrainneachd, Atharrachadh Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh Fearainn aig Taigh an Ròid air rannsachadh a chur air bhog air mar as urrainn do dh’Alba dèanamh cinnteach ...

Comataidh Ionmhais Thaigh an Ròid a’ gairm rannsachadh air buaidh Covid-19 air buidseat Riaghaltas na h-Alba airson 2021/22

Chaidh rannsachadh pàrlamaideach air buaidh Covid-19 air Buidseat Riaghaltas na h-Alba airson 2021/22 a ghairm le Comataidh Ionmhais is Bun-reachd Thaigh an Ròid.

Bu chòir gum faodadh luchd-dreuchd sochairean a thogail às leth luchd-tagraidh ach feumaidh innealan-dìona a bhith ann, tha Comataidh aig Taigh an Ròid ag ràdh

Tha Buill air Comataidh Tèarainteachd Shòisealta aig Taigh an Ròid air taic a chur ri Bile a leigeadh le tagraichean inbheach shochairean, a dh’aontaicheas, neach-dreuchd ainmeachadh gus sochairean a thagradh às an leth.

Buill gus Rùnaire a’ Chaibineit a cheasnachadh mu èiginn Covid-19 ann an dachaighean-cùraim

Tha Comataidh Slàinte is Spòrs aig Pàrlamaid na h-Alba ri Rùnaire a’ Chaibineit a cheasnachadh mu bhuaidh coròna-bhìorais air dachaighean-cùraim na h-Alba.

Buill ag iarraidh atharrachaidhean nach beag air fuasgladh nam fiachan

Tha Comataidh Ionmhais, Eaconamaidh agus Obair Chothromach air aithisg fhoillseachadh an-diugh air gnìomhasan-urrais air an dìon ag ràdh gu bheil atharrachaidhean a dhìth gus fuasgladh nam fiachan a dhèanamh ...

A’ bhuaidh a bheir coròna-bhìoras air seirbheisean-còmhdhail agus air an eaconamaidh dhùthchail gu bhith gan sgrùdadh le Buill

Tha a’ bhuaidh a bheir Covid 19 air seirbheisean-còmhdhail agus air eaconamaidh dhùthchail na h-Alba gu bhith gan sgrùdadh le Buill

Achd Saorsa Fiosrachaidh feumach air leasachadh, a rèir Comataidh Sgrùdaidh Poblach Thaigh an Ròid

Ann an aithisg sgrùdadh iar-reachdail a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh Sgrùdadh Poblach Thaigh an Ròid* ag ràdh gu bheil an Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) (FOISA) air soilleireachd ...

Dè cho deiseil ’s a bha sinn airson a’ ghalair sgaoilte Covid-19 agus ciamar a dheasaicheas sinn airson galar sgaoilte san àm ri teachd, tha Comataidh Pàrlamaid a’ faighneachd

Bidh Comataidh Slàinte is Spòrs Phàrlamaid na h-Alba a’ sgrùdadh planadh èiginn agus dìon nàiseanta na dùthcha às dèidh sgaoileadh COVID-19.

Lean air na meadhanan sòisealta sinn

Twitter logo   Wordpress logo

Facebook logo   YouTube logo

Follow us on Twitter

Keep up to date