Cuimhneachan 20 Bliadhna Phàrlamaid na h-Alba – Fiosrachadh Cuirme

28.06.2019

DISATHAIRNE 29 ÒGMHIOS 2019

Chaidh làn fhiosrachadh fhoillseachadh mun chuirm Disathairne gus 20 bliadhna de Phàrlamaid na h-Alba a chomharradh.

Anns a’ chiad phàirt den latha nì A Mòrachd a’ Bhanrigh òraid don Phàrlamaid. Bidh A Mhòrachd Rìoghail, Diùc Bhaile Bhòid còmhla ris a’ Bhanrigh.

Às dèidh seo, bidh latha làn spòrs ann don teaghlach gu lèir.  Thèid dorsan na Pàrlamaid fhosgladh do na h-uile gus pàirt a ghabhail ann an raon mòr de thachartasan is dibhearsain an-asgaidh  

Òraid A Mòrachd a’ Bhanrigh don Phàrlamaid: 11.00 m – 12.00 f

Òrdugh Cuirme

A’ tighinn a-steach don t-Seòmar air thoiseach air A Mòrachd a’ Bhanrigh bidh: 

· Slat-suaicheantais Phàrlamaid na h-Alba

· Companaidh Rìoghail nam Boghadairean.

· Crùn na h-Alba air a ghiùlan le Diùc Hamilton agus Brandon, ann an cuideachd Morair Lyon Ceann nan Sìth-mhaor agus an Àrd-Chaiptean

Fanfare for Elizabeth, Her Majesty The Queen, air a sgrìobhadh agus air a stiùireadh le Iain Uallas CBE agus air a chluich le Còmhlan Pràis Conservatoire Rìoghail na h-Alba fhad ’s a tha a’ Bhanrigh a’ tighinn a-steach don t-seòmar. 

An uair sin bidh fàilte ann bhon Oifigear Riaghlaidh

Òraid A Mòrachd a’ Bhanrigh do Phàrlamaid na h-Alba 

Cluich            The Bonnie Banks O’ Loch Lomon’ air a chur air dòigh le D M Gardner,

                        air a stiùireadh le Mark Evans agus air a chluich le Còisir Seòmair de Chòisir Òigridh Nàiseanta na h-Alba.

Freagairt a’ Phrìomh Mhinisteir air a leantainn le Ruth Davidson BPA 

Dàn                THE LONG VIEW air a sgrìobhadh agus air aithris le Jackie Kay, Makar na h-Alba, còmhla ri Lewis MacAsgaill, Tèatar Òigridh Nàiseanta,  ag aithris sa Ghàidhlig, Suzanne Bonnar a’ seinn agus Moira Anne McAuslan ann am BSL (eadar-theangachadh BSL le Amy Cheskin)

Freagairt Riseird Leonard BPA.  

Cluich            Farewell to Govan air a sgrìobhadh le Phil Connaigean

Air a chur air dòigh agus air a stiùireadh le Iain Logan, Ceannard Pràis, agus air a chluich le Braw Brass còmhla ri Phil Connaigean, Stiùiriche Ealain Ceòl Tradaiseanta agus Jenn Butterworth, Òraidiche ann an Eòlas Practaigeach, Conservatoire Rìoghail na h-Alba.  

Freagairt Phàdraig Harvie BPA air a leantainn le Tavish Scott BPA 

Òran               Ae Fond Kiss le Raibeart Burns air a chur air doigh le Dòmhnall Seathach agus Caoimhin MacRath

Air a sheinn le Karen NicMhathain le Dòmhnall Seathach air a’ phiàna agus an Harvey String Quartet.

An t-Oifigear Riaghlaidh a’ dùnadh coinneamh na Pàrlamaid agus pìobaire Phàrlamaid na h-Alba, Stiùbhart MacMhaolain, a’ cluich A Man's a Man for a' That le Raibeart Burns fhad ’s a tha a’ Bhanrigh a’ falbh.  

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu fheasgar thachartasan an-asgaidh Phàrlamaid na h-Alba an seo:https://www.visitparliament.scot/scotparl20/

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.