Is e an crèche poblach aig Pàrlamaid na h-Alba an t-aon ghoireas de leithid anns an Roinn-Eòrpa agus tha e ga mheasadh le Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba na phàirt cudromach de chruthachadh Pàrlamaid a tha fosgailte agus air am faighear cothrom.
Is e am prìomh adhbhar a tha aige marasgladh a thoirt do chlann daoine a’ tadhal air Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann.
Mar Phàrlamaid a tha càirdeil do theaghlaichean, bidh sinn a’ cur fàilte air luchd-tadhail eadar òg is aosta. Tha an crèche ann mar roghainn do luchd-tadhail a tha ag iarraidh gum faigh am pàiste aca cùram fhad is a tha iad fhèin:
- A’ tadhal air an taisbeanadh againn, a’ sealltainn mun bhùth no a’ gabhail srùbaig anns an taigh-bhidhe againn
- A’ dol air fear de na tursan-iùil againn
- A’ coinneachadh ri Ball no neach-obrach
- An sàs ann an coinneamhan-gnìomhachais aig a’ Phàrlamaid
- A’ sealltainn air gnothaichean na Pàrlamaid beò san t-Seòmar no ann an seòmraichean nan comataidhean
- A’ frithealadh air fear de na tachartasan againn
Tha an crèche saor an-asgaidh don phoball agus tha e a’ toirt seachad cùraim do chloinn aig aois 6 seachdainean gu 5 bliadhna. Tha e fosgailte bho 8 uairean sa mhadainn gu 6 uairean feasgar agus faodar a chleachdadh fad suas ri 4 uairean a thìde gach turas. Faodaidh tu àite a chur an taobh ro làimh no dìreach nochdadh (a rèir na tha ann de dh’àiteachan). Thathar a’ gealltainn gum faigh thu clàr làitheil de chur-seachadan a tha nan togail-inntinn is nam fealla-dhà!
Tha an crèche ga ruithe airson na Pàrlamaid le Kirktonholme Ltd. Gus barrachd ionnsachadh mu na cumhachan-cleachdaidh againn, airson barrachd fiosrachaidh no gus àite a chur an taobh, cuir fios dhan chrèche air 0131 348 6192 no le post-dealain gu [email protected]