Naidheachd

 

Ath-leasachadh air lagh na h-inisge air taic fhaighinn bho Bhuill

Tha Buill air Comataidh a’ Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba air taic a chur ri prionnsapalan coitcheann Bile na h-Inisge (Defamation Bill) a tha ag ath-leasachadh lagh na h-inisge ann an Alba.

Comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba ri beachdachadh air Bile aig a bheil e mar amas màladairean prìobhaideach a dhìon agus àrdachaidhean air màl a chuingleachadh

Tha Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan aig Taigh an Ròid ag iarraidh bheachdan air Bile ùr aig a bheil e mar amas dìon mhàladairean prìobhaideach a leudachadh le bhith a’ cuingleachadh àrdachaidhean air màl ...

Comataidh aig Taigh an Ròid ag iarraidh bheachdan gus modh-ceadachaidh a dhèanamh nas fhasa do dh’fhèilltean-spòrs a’ siubhal a chuidicheas gus an dòigh-beatha aca a ghleidheadh

Tha Comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba ri sgrùdadh a dhèanamh air molaidhean a chruthaicheadh siostam-ceadachaidh ùr do dh’fhèilltean-spòrs a’ siubhal (travelling funfairs).

Bu chòir aonta a chur ri Bile Malairt na RA, tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd Thaigh an Ròid ag ràdh

Tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd aig Taigh an Ròid air moladh gum bu chòir gun tèid aonta Pàrlamaid na h-Alba a chur ri Bile Malairt na RA.

Cha bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba aonta a chur ri Bile Margadh A-staigh na RA, tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd Thaigh an Ròid ag ràdh

Tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd aig Taigh an Ròid air moladh nach bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba aonta a chur ri Bile Margadh A-staigh na RA.

Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd aig Taigh an Ròid air iarraidh air pannal eòlaichean rannsachadh a dhèanamh air na dùbhlanan a thaobh sgrùdaidh san ath sheisean den Phàrlamaid

Tha Comataidh aig Taigh an Ròid air pannal eòlaichean fiosgail, eaconamach is bun-reachdail a stèidheachadh. Thathar air iarraidh air na prìomh dhùbhlanan a thaobh sgrùdaidh a dh’èireas ann an roinn an Ionmhais ...

Chan eil fuasgladh furasta ann gus dèiligeadh ris a' chàrn obrach fhathast ri dhèanamh anns na cùirtean, tha Comataidh a' rabhadh

Tha BPA air Comataidh a' Cheartais aig Taigh an Ròid air 'pasgan cheumannan’ iarraidh gus cuideachadh le bhith a’ faighinn tron chàrn obrach a tha air fhàgail ann an cùirtean na h-Alba ...

Tha Riaghaltas na RA a’ diùltadh fianais a thoirt do Thaigh an Ròid air Bile Margadh A-staigh na RA

Tha Riaghaltas na RA an dèidh diùltadh fianais a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba air Bile Margadh A-staigh na RA aige.

Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd aig Taigh an Ròid ag iarraidh bheachdan mu Bhile a’ Mhargaidh A-staigh aig Riaghaltas na RA

Tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd aig Taigh an Ròid air gairm a sgaoileadh airson beachdan air Bile a’ Mhargaidh A-staigh aig Riaghaltas na RA.

Comataidh air bile fhoillseachadh gus stad a chur air a’ chleachdadh a bhith a’ faighinn cothrom tràth air fiosrachadh eaconamach

Tha Buill air Comataidh Eaconamaidh, Lùtha agus Obair Chothromach aig Taigh an Ròid ar Bile Comataidh fhoillseachadh an-diugh a chuireadh srian air cothrom ro sgaoileadh (PRA) ...

Lean air na meadhanan sòisealta sinn

Twitter logo   Wordpress logo

Facebook logo   YouTube logo

Follow us on Twitter

Keep up to date