12.06.2019
Gheibh
deichnear den phoball na suidheachain as fheàrr a dh’fhaicinn A Mòrachd A’ Bhanrigh a’
dèanamh òraid do Phàrlamaid na h-Alba air Disathairne 29 Ògmhios.
Bidh
grunn thaisbeanaidhean ann bho cuid den luchd-cluiche as fheàrr an Alba agus
bidh ceannardan gach pàrtaidh poilitigich an làthair airson cuimhneachan 20
bliadhna Phàrlamaid na h-Alba a chumail.
Bheir na
tiogaidean cothrom gun samhail do mhuinntir a’ phobaill pàirt a ghabhail anns
an Deas-ghnàth Cuimhneachaidh 20 Bliadhna nan suidhe ann an gaileiridh a’
phobaill ann an Seòmar Deasbaid na Pàrlamaid.
Thèid
grunn thachartasan a chumail air a latha:
* Nì A
Mòrachd A’ Bhanrigh òraid do na BPAan san t-Seòmar.
* Nithear
grunn thaisbeanaidhean is òraidean anns an t-Seòmar, a’ gabhail a-steach òraid
bho Phrìomh Mhinistear na h-Alba.
* Feasgar làn thachartasan spòrsail don teaghlach gu lèir gus 20 bliadhna den
Phàrlamaid a chomharradh. Bidh ceòl beò
ann, biadh blasta, peantadh aodainn, bùithtean-obrach airson ròbotan a
dhèanamh, agus iomadh rud eile!
Tha
àireamh chuingealaichte de thiogaidean ann don phoball airson an tachartais seo
– a tha fosgailte do na h-uile air feadh na h-Alba.
Tha grunn
dòighean ann cur a-steach airson tiogaid. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Phàrlamaid na h-Alba.
Feumar
tagradh thiogaidean a bhith a-staigh againn air no ro 12 meadhan-latha air
Diluain 17 Ògmhios.
Cùl-fhiosrachadh
Faodaidh
tu cur a-steach airson tiogaidean air post-d
no le tadhal air làrach-lìn
Phàrlamaid na h-Alba. No faodar sgrìobhadh thugainn aig:
Baileat
Poblach Cuimhneachan 20 Bliadhna
Seirbheisean
Luchd-tadhail
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP
Faodaidh
tu fios a chur air an Sgioba Sheirbheisean Luchd-tadhail air fòn air 0131 348
5200.
Faodaidh
tu cur a-steach airson aon tiogaid a-mhàin agus feumaidh tu na leanas innse:
* Tiotal
(Mgr, A’ Bh-Uas, Dr, msaa)
* Ciad-ainm agus ainmean meadhain sam bith
* Sloinneadh
* Ainmean sam bith eile a chleachdas tu
* Latha-breith
* Àite-breith
* Seòladh
(Thar 5 bliadhna, le cinn-latha)
* Post-d.
Tha am
baileat airson tiogaid gach duine. Ma tha thu ag iarraidh tiogaid eile
dha cèile, cuir tagradh eile a-steach nan ainm. Feumaidh tagraidhean fhaighinn
thugainn air no ro meadhan-latha air Diluain 17 Ògmhios. Thèid tiogaidean
a thaghadh ann an crannchur. Gheibh an luchd-tagraidh soirbheachail fios
air no ro Diluain 21 Ògmhios aig a’ char as fhaide agus gheibh iad fiosrachadh
mionaideach mun tachartas.
Contact information
Media Information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
