Naidheachd

 

Feumar soilleireachd a thaobh ceumannan èigneachaidh gus ‘lagh ruith sprèidh’ a dhèanamh èifeachdach, tha Comataidh aig Taigh an Ròid ag ràdh

Feumaidh reachdas ùr a chuireadh an-àirde na peanasan air daoine aig a bheil coin a bhios a’ ruith, a’ toirt ionnsaigh air no a’ marbhadh beathaichean tuathanais atharrachadh mòr agus stiùireadh soilleir ...

Tha deireadh na h-ùine eadar-ghluasaid a’ togail dhùbhlan mòra do ghnìomhachasan na h-Alba, tha Comataidh aig Taigh an Ròid ag ràdh

Tha Comataidh Cultar, Turasachd, Roinn Eòrpa agus Cùisean Taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba air a ràdh gu bheil dragh mòr orra mu na dùbhlain a tha ro ghnìomhachasan na h-Alba sa bhliadhna ùr ge bith an deach rèite Brexit a ruighinn no nach deach.

Feumar am Bile Eucoir Gràin atharrachadh, tha Comataidh a’ Cheartais ag ràdh

Tha Comataidh a’ Cheartais Pàrlamaid na h-Alba air innse an-diugh gun cuir iad taic ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile Eucoir Gràin ma thèid atharrachadh a rèir nam moladh a rinn a’ Chomataidh gu h-aon-ghuthach.

Tha a' Chomataidh Ionmhais is Bun-reachd ag iarraidh air Roinn Ionmhais na Banrigh beachdachadh air barrachd cothroim a thoirt do riaghaltasan tiomnaichte air iasadan fhaighinn aig amannan èiginn

Bu chòir do Roinn an Ionmhais beachdachadh air barrachd cothroim a thoirt do riaghaltasan tiomnaichte air iasadan fhaighinn aig amannan èiginn nàiseanta, a rèir Comataidh Ionmhais is Bun-stèidh aig Taigh an Ròid.

BPA dol a dhiùltadh àrdachadh pàighidh ann an 2021, tha an t-Oifigear Riaghlaidh ag ràdh

Thathas an dùil gun diùlt BPA àrdachadh pàighidh airson na h-ath-bhliadhna. Ann an teachdaireachd chun a h-uile BPA an-diugh, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Coinneach Mac an Tòisich BPA

Barrachd maoineachaidh a dhìth gus dèanamh cinnteach gun tachair taghaidhean 2021

Chaidh ceumannan ùra gus dèanamh cinnteach gun tachair taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba an ath-bhliadhna a sgrùdadh le Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach is Cur-an-dreuchd Poblach aig Taigh an Ròid.

Pròiseas Fastaidh airson a’ Chiad Choimiseanair Beò-meatrachd na h-Alba ga Thòiseachadh

Tha farpais fastaidh air tòiseachadh airson a’ chiad Choimiseanair Beò-meatrachd na h-Alba.

Coimisean na h-Alba airson Còraichean Daonna - Fastadh: Dà Bhall Pàirt-ùine

Tha farpais fastaidh a’ dol air adhart gus dithis bhall pàirt-ùine fhastadh gu Coimisean Còraichean Daonna na h-Alba

Sùil air na cnapan-starra a tha ro bhoireannaich BAME san àite-obrach

Tha feum air taic nas fheàrr gus boireannaich BAME a chuideachadh a’ gluasad bhon sgoil chun àite-obrach, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le buidheann a tha a’ gabhail pàirt ann am pròiseact Phàrlamaid na h-Alba ...

Feum air ‘dòigh-smaoineachaidh bhrosnachail’ gus dèiligeadh ri dùbhlain na h-Alba anns na deich bliadhna a tha romhainn

Tha Fòram Alba air Thoiseach, buidheann-smaoineachaidh taobh a-staigh Pàrlamaid na h-Alba, an-diugh a’ foillseachadh co-dhùnaidhean a’ phrògraim 2030 aca, a’ coimhead air dè an seòrsa dùthaich a dh’fhaodadh a bhith ann an Alba ...

Lean air na meadhanan sòisealta sinn

Twitter logo   Wordpress logo

Facebook logo   YouTube logo

Follow us on Twitter

Keep up to date