Posted by: presidingofficer | July 7, 2010

A’ chiad char – Beinn a’ Bhaghla sa ghaoith

Nochd mi ann am Beinn a’ Bhaghla sa ghaoith air a’ chiad cheum den chuairt agam am-bliadhna. Is e urram mòr a bha ann dhomh nuair a thàinig mi far an itealain aig a’ phort-adhair far an d’fhuair mi fàilte bho phìobaire. A’ chiad uair riamh a fhuair mi a leithid a dh’fhàilte, ann an àite sam bith.

Rinn mi air Sgoil Lìonacleit, an togalach as motha san eilean, far a bheil 300 de chlann-sgoile. Anns an àite air leth seo tha caochladh thionnsgnaidhean eile aig a’ choimhearsnachd, nam measg an leabharlann, taigh-tasgaidh, amar-snàimh, taigh-cluiche agus fiù’s ionad-fiaclaireachd.

Bha mi cho toilichte fàilte eile fhaotainn bho thriùir phìobairean gu Sgoil Lìonacleit, far a bheil taisbeanadh-siubhail suaicheanta nan Sgeulachdan Siùbhlach an-dràsta. Chuir mi an taisbeanadh air bhog gu h-oifigeil am fianais luchd-èisteachd le cuireadh de bharrachd is 70 neach às gach ceàrnaidh de dh’Uibhist a Tuath. Agus nas fhaide air falbh. Bha mi cho toilichte gun d’rinn Iain MacLeòid, a tha san taisbeanadh, an gnothach air a bhith an làthair. Bhruidhinn Iain mu cho moiteil is e a tha e gun tug e buaidh dha-rìribh air adhartachadh na Gàidhlig le bhith a’ cur feum air Comataidh nan Athchuingean Poblach aig a’ Phàrlamaid a dh’iarraidh gun do rachadh an cànan adhartachadh na b’ fheàrr air feadh na h-Alba.

Tha na dh’fhiosraich e na eisimpleir dha-rìribh den dòigh sam faod ceangal ris a’ Phàrlamaid buaidh dha-rìribh a thoirt – an teachdaireachd as cudromaiche den chuairt-shamhraidh agam.

An dèidh sin, chuala sinn òrain àlainn ann an Gàidhlig agus thug feadhainn òg eile às an sgoil ionadail tlachd do na h-aoighean le ceòl dùthchasach a bhuineas don eilean.

Fhuair mi tuigse dha-rìribh air an obair a bhios a’ dol air adhart ann an Uibhist nuair a choinnich mi ri Donnchadh Dòmhnallach, a tha na oileanach air an aon chùrsa togail-bhàtaichean de a leithid ann an Alba – gus eathraichean Griomasach a thogail. Dh’innis e dhomh mar a tha an cùrsa a’ toirt air ais an eòlais a bha ann bho shean a rinn feum do na h-eileanaich fad nan linntean agus a tha riatanach fhèin gus obair an iasgaich a ghleidheadh an seo. Tha togail agam ri bhith ag ionnsachadh barrachd mun chùrsa nuair a choinnicheas mi ri luchd-obrach bho Urras Gàrradh-bhàtaichean Ghriomasaigh a-màireach.

Thug mi a-mach càirdeas dha-rìribh le Alasdair Dòmhnallach, Neach-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, a tha na thuathanach caoraich dhubha. Mar neach a bha na Cheann-suidhe na latha air Comann Luchd-àraich nan Caorach Dubha, bha tòrr againn air am bruidhneamaid. Chòrd e rium faighneachd dheth càite am biodh e a’ faighinn nan reithean aige! À Siorrachd Lannraig, a rèir choltais!

« Newer Posts - Older Posts »

Categories