Naidheachd

 

Bidh BPA ag iarraidh soilleireachd air caiteachas agus ro-innleachd phoblach às dèidh fàilligeadh BiFab

Tha dragh air BPA a tha a’ sgrùdadh nan suidheachaidhean a lean gu Burntisland Fabrications Limited (BiFab) dol ann an rianachd mu “dhìth follaiseachd” Riaghaltas na h-Alba agus ceannardan na companaidh ...

‘Tuilleadh obrach a dhìth’ air a’ Bhile Droch-dhìol san Dachaigh, a rèir Comataidh a’ Cheartais

Tha Comataidh Ceartais Pàrlamaid na h-Alba air taic a thoirt do na prionnsapalan bunaiteach a tha air cùl Bile ùr Droch-dhìol san Dachaigh Riaghaltas na h-Alba

Tha Comataidh a’ toirt taic do Bhile a bhiodh na dhòigh airson Cill Rìmhinn ceuman meidigeach is fiaclaireachd a bhuileachadh

Tha Comataidh Pàrlamaid na h-Alba air taic a thoirt do mholaidhean a bhiodh nan ciad cheum ann a bhith a’ leigeil le Oilthigh Chill Rìmhinn ceuman meidigeach agus fiaclaireachd a thoirt seachad ...

Chaidh Pannal Shaoranach a ghairm gus beachdachadh air cuingealachadh agus ro-innleachd Covid-19 na h-Alba

Coinnichidh pannal shaoranach airson a’ chiad uair an deireadh-sheachdain seo gus beachdachadh air mar a tha agus mar a bu chòir do dh’Alba a bhith a’ freagairt air galar lèir-sgaoilte Covid-19.

Obair air riochdachadh boireannaich BAME san àite-obrach a' faighinn aire na Pàrlamaid

Gheibh pròiseact a tha ag amas air boireannaich a bhith an sàs ann am poilitigs aithneachadh an t-seachdain seo ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Comataidh aig Taigh an Ròid air taic a chur ri Bile nan Dùthchannan Aonaichte mu Chòraichean na Cloinne

Bu chòir gun tèid Bile ùr a leigeadh le cloinn buidhnean poblach a thoirt gu cùirt airson briseadh a-steach air na còraichean aca le bhith a’ corpachadh Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte mu Chòraichean na Cloinne (UNCRC) ...

Comataidh air taic a chur ri Bile a bheireadh airgead-dìolaidh don NHS airson tinneas àite-obrach

Tha Bile a leigeadh leis an NHS cosgaisean ceangailte ri galar gnìomhachail agairt air ais air taic fhaighinn bho Chomataidh Slàinte agus Spòrs aig a’ Phàrlamaid.

Tha Ceannardas Poilitigeach deatamach ma tha builean èifeachdach dol a thighinn à Dealbhadh Mara ann an Alba, tha Comataidh Àrainneachd aig Taigh an Ròid ag ràdh

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh Àrainneachd, Atharrachadh Gnàth-thìde agus Ath-leasachadh Fearainn Thaigh an Ròid ag ràdh gu bheil dìth ceannardais agus comhairle bho Riaghaltas na h-Alba agus Cùisean Mara na h-Alba

Beachdan gan iarraidh mun ùrachadh air Plana Riaghaltas na h-Alba mu Atharrachadh na Gnàth-shìde

Tha ceithir comataidhean pàrlamaideach air gairm a chur a-mach còmhla airson beachd air plana ùraichte Riaghaltas na h-Alba air mar a bheir e a-mach targaidean na h-Alba mu atharrachadh na gnàth-shìde

Feumar soilleireachd a thaobh ceumannan èigneachaidh gus ‘lagh ruith sprèidh’ a dhèanamh èifeachdach, tha Comataidh aig Taigh an Ròid ag ràdh

Feumaidh reachdas ùr a chuireadh an-àirde na peanasan air daoine aig a bheil coin a bhios a’ ruith, a’ toirt ionnsaigh air no a’ marbhadh beathaichean tuathanais atharrachadh mòr agus stiùireadh soilleir ...

Lean air na meadhanan sòisealta sinn

Twitter logo   Wordpress logo

Facebook logo   YouTube logo

Follow us on Twitter

Keep up to date