Anns na speuran a-mach à Steòrnabhagh
Rinn mi rud eile don chiad turas an-diugh – thog mi dha na speuran le sgioba de mhaoir-chladaich ann an helicopter Sikorsky.
Bha de shealbh agam cuireadh fhaotainn dol còmhla ri luchd-obrach is luchd saor-thoileach aig ionad Co-òrdanachadh Teasairginn Taobh na Mara Steòrnabhaigh agus pàirt a ghabhail ann an itealaich-trèanaidh thairis air Leòdhas. Agus abair fosgladh do na sùilean. Bha an cuid calmachd is dealais gu math follaiseach cho luath is a choinnich mi riutha. Bha an ceathrar fhear anns an sgioba rèidh is dreuchdail fhèin.
Thòisich mi air an turas agam le bhith a’ coinneachadh ri feadhainn den dusan luchd saor-thoileach a tha ag obair ann an Steòrnabhagh agus dh’innis iad dhomh mun obair aca a chuidicheas gu am maor-cladaich a chumail a’ dol aig an ìre iongantach aig a bheil e ag obair – a’ frithealadh fad na tìde air na ceudan de mhìltean.
Thadhail mi an uair sin air an t-Seòmar-obrachaidh far a bheil clàran mòra den raon aca.
Choinnich mi ri caochladh bhall den luchd-obrach de 22 a dh’innis dhomh gum b’ fheudar don sgioba dol air lorg coisiche-beinne nach tàinig dhachaigh, beagan uairean a thìde mus do nochd mi, agus gun uime ach briogais is lèine-T.
Doirbh a chreidsinn, fhuair an sgioba an duine dìreach dà mhionaid an dèidh dhaibh tòiseachadh. Gu fortanach, bha am fear a chaidh a theasairginn dìreach glan.
Bha cuimhneachan drùidhteach den obair chunnartaich a bhios am maor-cladach a chur ris ann an seòmar nan oifigearan. Tha dealbh de Bhilly Deacon ann mar chuimhneachan air fear-crangaid treun calma a dh’eug ri linn teasairginn far Shealtainn 13 bliadhna air ais.
Chaidh mo thoirt air turas mu Sikorsky an sgioba – a chaidh a cheannach beagan bhliadhnaichean air ais air cosgais £20 millean – agus chaidh innse dhomh gum bi Steòrnabhagh a’ faotainn mu 190 de bhrathan a h-uile bliadhna mar as trice. Rud a tha ionann ri sgrìob a-mach a h-uile latha gu leth no mar sin.
An dèidh beagan a chluinntinn mu shàbhailteachd chaidh mo cheangal a-steach air son turas-trèanaidh 20 mionaid os cionn Leòdhais. Dh’èirich fuaim àrd àrd nuair a thòisich na h-innealan, thòisich an soitheach a’ dol air chrith beagan agus an uair sin leis an dìreadh as rèidhe a chunnaic mi riamh bha sinn air falbh. Bha e annasach cho ciùin is a bha e, a dh’aindeoin gun robh fuaim àrd ann.
Fhuair mi cuireadh an uair sin suidhe anns an ionad-stiùiridh ais chaidh innse dhomh mun uidheam ùr a chleachdar gus beatha mòran dhaoine a shàbhaladh. Bha mi gu mòr air mo dhrùdadh le cho dreuchdail is a bha an sgioba is cho dìleas a bha iad gu sàbhaladh dhaoine bho bhàtaichean-iasgaich, bho na monaidhean is bho na creagan. Is e obair iongantach a bhios iad a’ dèanamh.
Thuirt mi rium nan robh mi riamh ann an suidheachadh doirbh far an robh feum agam air cuideachadh bhon a’ Mhaor-chladaich gum faighinn an làimhseachadh a b’ fheàrr buileach. Bha mi a’ faireachdainn cho umhail agus mi a’ crìochnachadh air a’ chiad cheum den chuairt-shamhraidh agam am-bliadhna.
An dèidh itealaich eile, gun a bhith cho làn rudan annasach, agus dràibheadh an uair sin gu Gall-Ghaidhealaibh, seo mi air ais aig an taigh air a’ chiad cheum den chuart-shamhraidh agam am-bliadhna.
Dè na dh’ionnsaich mi mar sin sna h-Eileanan Siar?
Bidh tòrr dhaoine den bheachd gu bheil an sgìre iomallach ach is e mo bheachd fhèin, ged a tha iad rud beag fad às, chan eil iad cho iomallach mar thoradh air còmhdhail nas fheàrr, rud a bheir tìr-mòr nas dlùithe buileach. Bha e na annas dhomh nuair a fhuair mi a-mach ann an còmhradh ri cuideigin gum faodadh duine a’ fuireach dìreach beagan mhìltean a-mach ann an Steòrnabhagh a bhith ann an Lunnainn aig an aon àm rium fhìn – bhon taigh agam ann an Gall-Ghaidhealaibh.
Anns an fharsaingeachd bha mi gu mòr air mo thogail leis an ìre de mhothachadh mu Phàrlamaid na h-Alba an seo. Tha coltach gu bheil fios aig mòran dhaoine ciamar a gheibh iad cothrom air a’ Phàrlamaid. Ach mar a bha riamh, tha obair ri dhèanamh fhathast gus a dhèanamh cinnteach gum bi guth aig mòran dhaoine is buidhnnean – gu sònraichte luchd saor-thoileach – ann an Taigh an Ròid agus gum fairich iad comhfhurtail a’ dèanamh ceangail ris a’ Phàrlamaid is na buill is na dòighean ann.
Tha e math cluinntinn cuideachd an seo ann an dùthaich na Gàidhlig gu bheilear mothachail air oidhirp na Pàrlamaid mun chànan tron Phlana Ghàidhlig againn. Bha mi a’ faireachdainn cho uasal gun robh sinn air a’ chiad fheadhainn de bhuidhnean poblach ann Alba a thug a-steach a leithid a phlana.
Bidh cuimhne agam gu sìorraidh air tràighean àlainn na sgìre agus mar a chithear an àrainneachd an seo ann am buadhan is feartan nan daoine. Bha tòrr de na daoine ris an do choinnich mi dìoghraiseach, adhartach agus diongbhalta. Aig an aon àm bha iad gu math iriosal, rud a tha gu mòr ri mholadh mun deidhinn. Bidh cuimhne laghach agam gu sìorraidh air a’ bheagan làithean air a’ chlàr-obrach agam anns na h-Eilean Siar.
A-nis…Peairt, Diluain.
