Posted by: presidingofficer | July 9, 2010

Eileanan Siar an Àigh – ach caran fliuch

Dhùisg mi agus coltas na doininn os cionn Steòrnabhaigh. Ach cha tug an t-uisge an gleanas air falbh bho na h-àiteachan air an do thadhail mi air seo, an treas latha den chuairt-shamhraidh agam.

Thòisich mi an latha a’ tadhal air an àite aig MG Alba – goireas nua-aimsireil fhèin leis an uidheam-chraolaidh as ùire ’s a gheibh thu.

Tha e follaiseach gu bheil a’ soirbheachadh le MG Alba – tha e san amharc aca còrr is 420  uairean a thìde de phrògraman a chraoladh am-bliadhna.

Mar neach a tha measail air rugby, bha e na thoileachas dhomh cluinntinn gum bi MG Alba a-nis a’ craoladh gèamannan rugby san lìog a bharrachd air craoladh leantainneach den SPL.

Tha e gu math follaiseach gu bheil an luchd-obrach ann dealasach fhìn mu adhartachadh is mu dhìon na Gàidhlig.

Àn dèidh sin, chaidh sinn air rathad-cùil gu math lom don taigh aig Tormod MacCoinnich, fear den deich air fhichead de bhreabadairean a tha fhathast ag obair anns an eilean.

A dh’aindeoin gun tuirt mi ris nach tèid agam air fuaigheall fiù, bha de shealbh agam am Beart Hattersley 60 bliadhna dh’aois aige fheuchainn.

Is e duine drùidhteach is inntinneach fhèin a tha ann an Tormod. Dh’innis e mar a dh’ionnsaich e a’ cheàird aige dìreach le bhith a’ sealltainn air uncail aige a’ dèanamh a’ Chlò Hearaich.

Mar bhreabadair pàirt-ùine, bidh e a’ dèanamh caochladh shlatan den chlò bhon taigh aige (far a bheil teine ceann-fòid).

Tha slatan-tomhais gu math teann a’ fàgail gun fheum Tormod an t-aodach a dhèanamh aig an taigh agus gun tèid an clò a dhathadh, a thoinneamh is a chrìochnachadh ann an Leòdhas gus am faodar Clò Hearach a ghabhail air.

Tha an clò, air a bheil fèill mhòr às ùr a-nis, àlainn fhèin. Agus bha e mìorbhaileach fhèin sealltainn air an obair is an oidhirp a tha a dhìth gus a dhèanamh. Bidh tòrr den obair aig Tormod a’ dol a-null thairis, agus tha a’ Ghearmailt agus Japan gu math measail air an stuth aige. Bha e moiteil fhèin nuair a dh’innis e dhomh gur h-e an Clò Hearach, a tha gu bhith ceud bliadhna dh’aois am-bliadhna, an comharradh-malairt as fhaide a thathar air a bhith a’ cleachdadh ann an eachdraidh na Rìoghachd Aonaichte. Euchd fhèin nuair a smaoinicheas tu air an ùine a bheir e gus a dhèanamh.

Muileann Charlabhaigh an uair sin far am faca mi sreathan de chlòimh ùr gam filleadh mu iarnaichean airson luchd-breabadaireachd an eilein.

Thug an Stiùiriche ann, Anna NicChaluim, air turas mun àite mi is mhìnich i dhomh mar a bhios a’ chlòimh ga dathadh is ga h-ullachadh gus a cleachdadh. Chunnaic mi an luchd-obrach a’ deisealachadh an aodaich ann an dòigh gu math gaolach.

Bha e mar gun robh mi air ais aig an taigh ann an Gall-Ghaidhealaibh nuair a thàinig an sileadh fhad ’s a bha mi a’ dèanamh air Tursachan Chalanais – aonan de na carraighean as iomallaiche is as aosta san Roinn Eòrpa. Agus bha iad drùidhteach fhèin.

An dèidh dhomh aodach a tha dìonach a chur orm, choinnich mi ri BPA nan Eilean Siar Alasdair MacAilein gus slighe ghoirid a ghabhail a dh’ionnsaigh nan tursachan a tha a’ nochdadh gu h-àrd os cionn nan lochan-sàile.

Bha iad annasach fhèin. Agus tha mi cinnteach gum biodh iad na b’ annasaiche buileach nuair a bhios a’ ghrian ris.

Air ais ag an ionad-tadhail faisg air làimh, sheall an luchd-obrach dhomh planaichean gus an goireas a leudachadh, àite air a bheil fèill mhòr a-nis mar thoradh air seirbheisean-aiseig nas fheàrr anns an sgìre – leis an àireamh de luchd-tadhail shuas 62 a-mach às a’ cheud bhon àm seo an-uiridh, rud a tha annasach.

Is e drùidheadh mòr a fhuair mi anns an àite mu dheireadh air an do thadhail mi. Bha mi air cuireadh fhaotainn duaisean Teisteanas an Daoimein a bhuileachadh air an 17 de luchd saor-thoileach a thug seachad co-dhiù deich bliadhna de sheirbheis do Dhionnasg nan Caraidean stèidhichte aig Taigh-eiridinn nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh.

Nuair a bha mi ag ullachadh gu coinneachadh riuthe, dh’obraich mi a-mach gun tàinig an obair gun lasachadh aca, nuair a thèid a cur còmhla, gu 170 de bhliadhnaichean de dh’obair shaor-thoileach. Ach cha robh sin gu dad nuair a dh’ionnsaich mi gun robh mòran dhiubh air a bhith a’ tabhann nan seirbheisean aca suas ri 30 bliadhna a-nis – abair tabhann. Bhuail cho iriosal agus a tha iad gu mòr orm nuair a dh’innis iad dhomh gur h-e urram a bha ann dhaibh an cothrom fhaotainn uimhir a dhaoine a chuideachadh an àm na h-èiginn.

Tha an Dionnasg air uimhir a dhèanamh gus feabhas a thoirt air beatha dhaoine – bho ruith nigheadaireachd agus àite-shrùbagan gu togail gàrraidh agus àirneis a thoirt dhaibh airson a’ phatio.

Tha feadhainn shaor-thoileach an urra ri radio cuideachd agus fhuair mi an t-urram gun deach iarraidh orm agallamh ainneamh a dhèanamh air an radio aca – Radio Ranol.

Dh’fhaighnich am fear-cathrach Dòmhnall Màrtainn, a chunnaic mi an toiseach aig deasbad Gàidhlig airson sgoiltean ann an Taigh an Ròid, mun a h-uile càil leithid mo bheachdan mun sgìre (tha gaol agam oirre) gu na cur-seachadan agam, agus dh’aidich mi gum bi mi a’ dol an sàs, bho àm gu àm, ann an Dannsa Dùthchail na h-Alba.

Thug e gnothaichean gu crìch le bhith a’ faighneachd an robh mi an dùil ridireachd a thoirt a-mach airson na rinn mi mar Oifigear-riaghlaidh – agus thuirt mi gun dàil gun robh an t-urram a chaidh a bhuileachadh air fear m’ainm ann an saoghal ball-coise gu leòr.

An dòchas nach bi uisge cho mòr ann a-màireach….nuair a thadhlas mi air Maor-cladaich Steòrnabhaigh, rud  ris a bheil togail mhòr agam.

« Newer Posts - Older Posts »

Categories