Posted by: presidingofficer | July 8, 2010

Latha a dhà – Blasad de shaoghal nan eilean

Chan ann tric nach urrainn dhomh fhìn (no gu deimhinne do neach-poilitigs sam bith cha mhòr) càil a ràdh.

Ach bha mi mar sin an-diugh. Chaidh ceòl a sheinn dhomh a chaidh a sgrìobhadh a dh’aon ghnothach dhomh fhìn airson an turais agam gu Beinn a’ Bhaghla – is bha e dìreach àlainn.

Agus e air a sgrìobhadh le fear-ciùil òg comasach air a bheil Simon Bradley leis an ainm ‘Fàilte Ailig MhicFhearghais gu Ceòlas’, chaidh a sheinn dhomh fhad is a bha mi a’ tadhal air Taigh-tasgaidh Chill Donain.

Bha mi air m’ùmhlachadh nuair a chaidh an ceòl, a chaidh a sheinn le fear-teagaisg-ciùil ionadail Aonghas MacNeacail, a bhuileachadh orm. Bha barrachd annais orm fhathast nuair a thuirt e nach tug e ach trì latha air fhaighinn air mheomhair. Annasach fhèin.

Anns an taigh-tasgaidh gheibhear lèirsinn smaoineachail air mar a bhiodh an saoghal ann an Uibhist is bha mi gu mòr air mo thogail le farsaingeachd is inbhe nam mìrean anns an taisbeanadh. Rud a bha gu sònraichte inntinneach dhomh fhìn, mar chuideigin a bha ri tuathanachas, is e crann-làimhe. Cha robh càil a dh’fhios agam gun deach a leithid a dh’uidheam a chruthachadh riamh.

Fhad ‘s a bha mi ann, choinnich mi ri muinntir Cheòlais, an sgoil-shamhraidh ann an ceòl is dannsa a tha ga cumail faisg air làimh. Bha an rùn a tha aca Gàidhlig a dhìon is a chur air adhart gu math follaiseach is bha e aoibhinn fhèin cluinntinn mar a bhios an fhèis fad seachdain a’ toirt na coimhearsnachd fiù’s nas dlùithe ri chèile.

Is e sin rud a bhuail orm gu mòr an seo. Tha faireachdainn làidir mun choimhearsnachd agus anns a h-uile h-àite air an do thadhail mi air an turas gun stad an-diugh chuala mi mar a bhios buidhnean is daoine ag obair còmhla airson math na sgìre is muinntir an àite.

Chuala mi mar a tha 30 de luchd saor-thoileach ann an Caraidean Uibhist a’ cuideachadh ri daoine a tha a’ fuireach leotha fhèin is a’ cur taice ri daoine aig a bheil feumalachdan eadar-dhealaichte, a’ toirt còmhdhail don fheadhainn aosta agus càirdeas do dhaoine aig a bheil duilgheadasan le mì-chleachdadh stuthan. Choinnich mi cuideachd ri luchd saor-thoileach bho Uibhist Sheasmhach aig a bheil rùn muinntir an àite a bhrosnachadh gnìomh a ghabhail gus leigeil a-mach bho charbon a lùghdachadh agus am feum as fheàrr a thoirt à seasmhachd air feadh nan eilean – fiù’s rudan beaga bìodach leithid a bhith a’ brosnachadh dhaoine gus an leiteis no na sùibheagan aca fhèin àrach, bheireadh iad buaidh mhòr, chuala mi.

Bha de shealbh agam blasad fhaotainn de bheagan de bhiadh na mara a ghlacar an seo is bha mi fhìn air mo ghlacadh le turas a choinneachadh ri iasgairean ann aig Caladh nan Ceallan. Is e obair chruaidh dha-rìribh a bhios iad a’ cur ris ann an suidheachadh a tha gu math cunnartach gu tric. Chuala mi mar nach tàinig atharrachadh air prìs nan creachann o chionn 20 bliadhna, a dh’aindeoin gun tàinig àrdachadh nach bu bheag air cosgaisean-obrachaidh agus mar a tha an t-eagal air tòrr dhiubh nach urrainn don ghnìomhachas cumail a’ dol gun atharrachadh a bhith ann.

Bha agam ri ‘boiler suit’ a chur orm an uair sin, rud a thug orm rudeigin a dhèanamh nach d’rinn mi o chionn mu 15 bliadhna. Chanadh tu gun robh a bhith a’ cumail sùil air gnothaichean san t-Seòmar furasta an taca ri rùsgadh chaorach ann am fianais dhaoine òga a tha ag ionnsachadh seo air cùrsa air leth ann an croitearachd a tha a’ dol aig Sgoil Lìonacleit. Bha agam ris an taidh, na brògan is an t-uaireadair agam a chur dhìom mus do thòisich mi air an obair romham – is tha mi ag innse dhut gun robh mi toilichte gun do chuimhnich mi air na sgilean a dh’ionnsaich mi nuair a chaidh mi ri tuathanachas an toiseach. Bha e na thogail dha-rìribh is bha mi a’ fiareachdainn nam bhalach òg a-rithist. Taing do Nì Math, cha deach cron sam bith a dhèanamh air na caoraich no orm fhìn. Is e cùrsa smaoineachail a tha ann, a’ toirt fiosrachaidh don ghlùin ri thighinn mu leas bheathaichean, thogail ghàrraidhean is mun àrainneachd ann an oidhirp gus a’ chroitearachd a ghleidheadh anns a’ choimhearsnachd.

Bidh dìoghrais is dealas nan eileanach gad ghlacadh agus an dèidh dhomh crìoch a chur air an latha le bhith a’ siubhal gu tuath gu Steòrnabhagh tha mi a’ gabhail fadachd ri ionnsachadh barrachd mu na h-Eileanan Siar mìorbhaileach a tha an seo.

« Newer Posts - Older Posts »

Categories