Rinn dealbh Enric Miralles airson Pàrlamaid ùr na h-Alba seasmhachd na mhìr bunaiteach den dealbhadh air feadh na làraich. Le dealbhadh faiceallach, taghadh stuthan agus obrachadh, thèid a' bhuaidh a bheir togalach na Pàrlamaid a lùghdachadh.
“Tha sinn ag iarraidh Alba a bheir leasachadh seasmhach, a chuireas ceistean mun àrainneachd aig cridhe poileasaidh phoblaich agus a gheibh ceartas a thaobh na h-àrainneachd airson coimhearsnachdan uile na h-Alba.” [A Partnership for a Better Scotland, Cèitean 2003]
SEASMHACHD
Tha droch bhuaidh aig mòran de na gnìomhan a bhios sinn a’ gabhail gu làitheil air an àrainneachd againn. Tha a’ bhuaidh an dèidh a chèile a bheir na gnìomhan seo a’ cronachadh mòran de shiostaman na cruinne beag is beag, ris a bheil sinn an crochadh airson deagh chàileachd-beatha. Le smaoineachadh is gnìomhan faiceallach, faodaidh sinn a’ bhuaidh a bheir sinn a lùghdachadh agus gluasad a dh’ionnsaigh dòighean-beatha nas seasmhaiche. Tha rianachd air an àrainneachd mar aon dòigh gus tuigsinn dè an droch bhuaidh a bhios sinn a’ toirt agus dòighean gus an droch bhuaidh seo a lùghdachadh a chomharrachadh.
Fios mun Phàrlamaid
> Ann an 05/06, chuir a’ Phàrlamaid 200 tunna de sgudal gu lìonadh-fearainn agus rinn i 1200 tunna de dhà-ogsaid carboin.
> An-uiridh, chleachd sinn còrr is 6 millean de dhuilleagan-pàipeir ann an innealan-copaidh, clò-bhualadairean is innealan-facs.
Leasachadh air dèanadas a thaobh na h-àrainneachd agus seasmhachd
Tha rùn againn a bhith nar samhla air deagh chleachdas ann an dèanadas mun àrainneachd agus cur ri leasachadh seasmhach.
Tha Poileasaidh mun Àrainneachd mar bhunait ri leasachaidhean bliadhnail ann an dèanadas a thaobh na h-àrainneachd agus thathar a’ cleachdadh siostam-rianachd mun àrainneachd gus an leasachadh seo a thoirt. Tha an siostam-rianachd a’ toirt a-steach Plana mu Rianachd air Carbon agus a’ socrachadh thargaidean is ghnìomhan bliadhnail thairis air farsaingeachd e cheistean mun àrainneachd. Tha e san amharc againn ceangal a dhèanamh ri luchd-cleachdaidh na Pàrlamaid tron phrògram RACE againn.
Siostam-rianachd Àrainneachd (ISO 14001:2004)
Tha Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB) a’ cleachdadh siostam-rianachd àrainneachd le teisteanas ISO 14001:2004 gus am poileasaidh aice mun àrainneachd a chur an gnìomh.
Fhuaireadh teisteanas ISO 14001 airson àrainn Thaigh an Ròid agus an fhearainn mu thimcheall anns an Fhaoilleach 2007.
Is e ISO 14001 an t-slat-thomhais a aithnichear gu h-eadar-nàiseanta airson siostaman-rianachd air an àrainneachd.
Bidh an t-slat-thomhais a’ measadh mar a bhios buidheann:
a’ cur cheistean mu àrainneachd ris na dòighean-rianachd aice,
a’ làimhseachadh mar a bheir i buaidh air an àrainneachd agus a’ leasachadh gu leanmhainneach air an dèanadas aice a thaobh na h-àrainneachd ann an raointean mar sgudal, lùth agus cheannach,
a’ gèilleadh gu laghail ris an reachdas gu lèir an lùib na h-àrainneachd