Naidheachd

 

Feumar faobhar a chur ri cunntalachd mu aithisgean sgrùdaidh, tha Comataidh Sgrùdaidh Phoblaich aig Taigh an Ròid ag ràdh

Tha atharrachadh bunaiteach air an dòigh san toir buidhnean poblach agus Riaghaltas na h-Alba sùil is freagairt air aithisgean sgrùdaidh deatamach, tha aithisg mu dhìleab a chaidh fhoillseachadh an-diugh ...

Feumar a dhol an sàs sa bhad ma tha targaidean àrd-amasach atharrachadh gnàth-shìde na h-Alba rin coileanadh

Feumar a dhol an sàs sa bhad thar gach raon ma tha targaidean gnàth-shìde àrd-amasach na h-Alba agus targaidean sgaoilidhean net zero rin coileanadh, a rèir aithisgean ceithir Chomataidhean ...

Feumaidh còraichean dhaoine so-leònte a bhith aig cridhe faighinn seachad air a’ ghalar lèir-sgaoilte, a rèir Comataidh aig Taigh an Ròid

Tha rannsachadh pàrlamaideach mu bhuaidh Covid-19 air còraichean daonna air iarraidh gun dèan plana ath-bheothachaidh Riaghaltas na h-Alba cinnteach nach tig barrachd fulangais air ...

Tachartas Latha Eadar-nàiseanta nam Ban ga chumail gus obair Boireannaich na h-Alba rè COVID-19 a chomharradh

Bithear a’ comharrachadh àite bhoireannach air feadh na h-Alba a tha air a bhith air thùs a’ dèiligeadh ri buaidh a’ ghalair lèir-sgaoilte Covid-19 mar phàirt de thachartas bhirtual, a thèid a chumail air Latha Eadar-nàiseanta nam Ban.

Ann an ath-leasachadh cùram sòisealta, is e an gnìomh a dhearbhas agus chan e am facal, a rèir riochdairean san roinn

Tha riochdairean bhon roinn cùram sòisealta air innse don Chomataidh Slàinte is Spòrs gum bu chòir molaidhean airson an roinn ath-leasachadh a chur an gnìomh cho luath ’s a ghabhas, seach a bhith dìreach nam faclan breagha gun bhrìgh.

Tha daoine bho sgìrean bochda fhathast air am fàgail a-mach à gnìomhachd gus cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan, a rèir Comataidh aig Taigh an Ròid

Tha Comataidh Pàrlamaid na h-Alba air cur sìos air buileachadh Achd Cumhachdachadh nan Coimhearsnachdan (Alba) 2015 ag ràdh nach deach gu leòr a dhèanamh gus cumhachd a thoirt do dhaoine bho chùl-raointean bochda ...

Bu chòir gun rachadh ath-shlànachadh cheart eaconamach bho Chovid-19 an sàs ann an neo-ionannachd gus cuideachadh ri daoine air teachd a-steach ìseal is cugallach, tha Comataidh an Ionmhais ag ràdh

Tha e gu math coltach gu bheil Covid-19 air neo-ionannachd structarail a bha ann mar-thà ann an Alba a dhèanamh nas miosa, a rèir aithisg ...

Feumaidh a’ Phàrlamaid cuimseachadh gus aghaidh a chur air dùbhlanan san àm ri teachd, tha Comataidh ag ràdh

Tha rannsachadh mu chomas-slànachaidh nan cleachdaidhean is nam modhan-obrach aig Pàrlamaid na h-Alba air grunn atharrachaidhean a mholadh an-diugh gus dèanamh cinnteach ...

Panail Shaoranach ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba an ro-innleachd aca air Covid 19 a shealltainn

Tha panail den phoball a chaidh a ghairm le Comataidh Covid-19 Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air na toraidhean aca innse do BhPA.

Cruth-atharrachadh a dhìth gus bun-chùram a lìbhrigeadh a tha iomchaidh airson na 21mh linn, a rèir Comataidh aig Taigh an Ròid

Tha ath-chruthachadh radaigeach air bun-chùram deatamach gus dèanamh cinnteach gum faigh an ath ghinealach de shaoranaich an cùram a dh’fheumas iad, a rèir Comataidh Slàinte is Spòrs Pàrlamaid na h-Alba.

Lean air na meadhanan sòisealta sinn

Twitter logo   Wordpress logo

Facebook logo   YouTube logo

Follow us on Twitter

Keep up to date