Naidheachd

 

An t-Oifigear Riaghlaidh air a’ Phàrlamaid ais-ghairm an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann

Tha an t-Oifigear Riaghlaidh air cur an cèill feasgar an-diugh gun tèid Pàrlamaid na h-Alba ais-ghairm Diluain 12 Giblean an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann. Is e gluasad co-fhaireachdainn an t-aon nì a bhios air a’ ghnothach.

Brataichean Pàrlamaid na h-Alba ri itealaich am meadhan a’ chrainn mar chomharra urraim an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann

Tha brataichean Pàrlamaid na h-Alba ag itealaich am meadhan a’ chrainn an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann

Tha BPA ag ràdh gu bheil feum air solar nas motha de thaigheadas aig prìs ruigsinneach agus dàta nas fheàrr gus dèiligeadh ri cùisean san roinn taigheadais, a’ gabhail a-steach àrdachadh màil.

Tha solar nas motha de thaigheadas aig prìs ruigsinneach agus dàta nas fheàrr deatamach gus dèiligeadh ris na cùisean a tha mu choinneimh roinn taigheadais na h-Alba, a rèir Comataidh Pàrlamaid na h-Alba.

Coimisean Còraichean Daonna na h-Alba: buill ùra pàirt-ùine air an ainmeachadh

Thèid dithis bhall pàirt-ùine ùr de Choimisean Còraichean Daonna na h-Alba (SHRC) ainmeachadh an dèidh farpais fastaidh fosgailte.

Latha meòrachaidh nàiseanta ri chomharrachadh aig Pàrlamaid na h-Alba

Thèid Latha Meòrachaidh Nàiseanta, a’ comharrachadh bliadhna bho thòisich glasadh sluaigh na dùthcha, a chomharrachadh an-diugh ann am Pàrlamaid na h-Alba ann an sreath gnìomhan co-fhaireachdainn.

Pàrlamaid na h-Alba gus tional eadar-nàiseanta luchd-pàrlamaid mu atharrachadh na gnàth-shìde a chumail

Thèid fear de na cruinneachaidhean as motha de luchd-pàrlamaid eadar-nàiseanta gus èiginn na gnàth-shìde a dheasbad a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba san t-Samhain, thathar air fios a thoirt an-diugh.

Tha feum air measadh buaidh neo-eisimeileach air an Achd Coiteachaidh (Alba) 2016, a rèir Comataidh Sgrùdadh Poblach aig Taigh an Ròid

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba làn mheasadh buaidh neo-eisimeileach iarraidh air an Achd Coiteachaidh (Alba) 2016, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh le Comataidh Sgrùdadh Poblach is Iar-reachdail aig Taigh an Ròid.

Buaidh shlàn Brexit buailteach geurachadh agus Alba ag èirigh às a’ ghalar, tha Comataidh aig Taigh an Ròid ag ràdh

Tha Comataidh Cultair, Turasachd, Eòrpa agus Chùisean A-muigh aig Pàrlamaid na h-Alba air aithris gu bheil a’ bhuaidh a bheir Brexit air co-luadar is eaconamaidh buailteach geurachadh agus Alba a’ tòiseachadh air èirigh à galar Covid-19.

Tha BPA ag iarraidh gun tèid sgrùdadh nas fheàrr a dhèanamh air teicneòlas a’ phoileis

Feumaidh an cleachdadh a bhios am poileas a' dèanamh de dhrònaichean agus bhideo so-ghiùlan sgrùdadh nas fheàrr fhaighinn le Ùghdarras Poileis na h-Alba (SPA), agus sùil thràth fhaighinn bhon Choimiseanair Beò-meatrachd a tha a’ tighinn a-steach ...

Tha BPA ag iarraidh air Riaghaltas na RA an t-àrdachadh £20 air Creideas Coitcheann a dhèanamh maireannach gus cuideachadh le faighinn seachad air a’ ghalar lèir-sgaoilte

Tha Comataidh Pàrlamaid na h-Alba air iarraidh air Riaghaltas na RA an t-àrdachadh sealach de £20 air Creideas Coitcheann (UC) a dhèanamh maireannach agus tha iad air ‘dragh mòr’ a nochdadh mun àireamh ...

Lean air na meadhanan sòisealta sinn

Twitter logo   Wordpress logo

Facebook logo   YouTube logo

Follow us on Twitter

Keep up to date