Naidheachd

 

Is iad covid, gnàth-thìde agus a’ bhun-reachd na prìomh chùisean a bhios fa-near don Phàrlamaid ùir, a rèir luchd-rannsachaidh SPICe Thaigh an Ròid

Is e faighinn seachad air galar lèir-sgaoilte COVID-19, dèiligeadh ris an èiginn gnàth-thìde agus an rèiteachadh tiomnadh cumhachd às dèidh Brexit as motha a nochdas ann an obair na h-ath Phàrlamaid ...

BPA gus Oifigear Riaghlaidh ùr a thaghadh airson Taigh an Ròid

Tha BPA ùr-thaghte Thaigh an Ròid gu bhith a’ taghadh Oifigear Riaghlaidh ùr airson Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin 13 Cèitean 2021.

Bòidean is Dearbhaidhean Sòlaimte nam BPA aig Taigh an Ròid

Bheir BPA a tha air an ùr thaghadh seachad bòid no dearbhadh sòlaimte aig Taigh an Ròid air Diardaoin 13 Cèitean 2021.

Brataichean Pàrlamaid na h-Alba ri itealaich am meadhan a’ chrainn mar chomharra urraim an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann

Tha brataichean Pàrlamaid na h-Alba ag itealaich am meadhan a’ chrainn an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann

An t-Oifigear Riaghlaidh air a’ Phàrlamaid ais-ghairm an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann

Tha an t-Oifigear Riaghlaidh air cur an cèill feasgar an-diugh gun tèid Pàrlamaid na h-Alba ais-ghairm Diluain 12 Giblean an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann. Is e gluasad co-fhaireachdainn an t-aon nì a bhios air a’ ghnothach.

Coimisean Còraichean Daonna na h-Alba: buill ùra pàirt-ùine air an ainmeachadh

Thèid dithis bhall pàirt-ùine ùr de Choimisean Còraichean Daonna na h-Alba (SHRC) ainmeachadh an dèidh farpais fastaidh fosgailte.

Tha BPA ag ràdh gu bheil feum air solar nas motha de thaigheadas aig prìs ruigsinneach agus dàta nas fheàrr gus dèiligeadh ri cùisean san roinn taigheadais, a’ gabhail a-steach àrdachadh màil.

Tha solar nas motha de thaigheadas aig prìs ruigsinneach agus dàta nas fheàrr deatamach gus dèiligeadh ris na cùisean a tha mu choinneimh roinn taigheadais na h-Alba, a rèir Comataidh Pàrlamaid na h-Alba.

Latha meòrachaidh nàiseanta ri chomharrachadh aig Pàrlamaid na h-Alba

Thèid Latha Meòrachaidh Nàiseanta, a’ comharrachadh bliadhna bho thòisich glasadh sluaigh na dùthcha, a chomharrachadh an-diugh ann am Pàrlamaid na h-Alba ann an sreath gnìomhan co-fhaireachdainn.

Pàrlamaid na h-Alba gus tional eadar-nàiseanta luchd-pàrlamaid mu atharrachadh na gnàth-shìde a chumail

Thèid fear de na cruinneachaidhean as motha de luchd-pàrlamaid eadar-nàiseanta gus èiginn na gnàth-shìde a dheasbad a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba san t-Samhain, thathar air fios a thoirt an-diugh.

Tha feum air measadh buaidh neo-eisimeileach air an Achd Coiteachaidh (Alba) 2016, a rèir Comataidh Sgrùdadh Poblach aig Taigh an Ròid

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba làn mheasadh buaidh neo-eisimeileach iarraidh air an Achd Coiteachaidh (Alba) 2016, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh le Comataidh Sgrùdadh Poblach is Iar-reachdail aig Taigh an Ròid.

Lean air na meadhanan sòisealta sinn

Twitter logo   Wordpress logo

Facebook logo   YouTube logo

Follow us on Twitter

Keep up to date