Is e faighinn seachad air galar lèir-sgaoilte COVID-19, dèiligeadh ris an èiginn gnàth-thìde agus an rèiteachadh tiomnadh cumhachd às dèidh Brexit as motha a nochdas ann an obair na h-ath Phàrlamaid ...
Tha BPA ùr-thaghte Thaigh an Ròid gu bhith a’ taghadh Oifigear Riaghlaidh ùr airson Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin 13 Cèitean 2021.
Bheir BPA a tha air an ùr thaghadh seachad bòid no dearbhadh sòlaimte aig Taigh an Ròid air Diardaoin 13 Cèitean 2021.
Tha brataichean Pàrlamaid na h-Alba ag itealaich am meadhan a’ chrainn an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann
Tha an t-Oifigear Riaghlaidh air cur an cèill feasgar an-diugh gun tèid Pàrlamaid na h-Alba ais-ghairm Diluain 12 Giblean an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann. Is e gluasad co-fhaireachdainn an t-aon nì a bhios air a’ ghnothach.
Thèid dithis bhall pàirt-ùine ùr de Choimisean Còraichean Daonna na h-Alba (SHRC) ainmeachadh an dèidh farpais fastaidh fosgailte.
Tha solar nas motha de thaigheadas aig prìs ruigsinneach agus dàta nas fheàrr deatamach gus dèiligeadh ris na cùisean a tha mu choinneimh roinn taigheadais na h-Alba, a rèir Comataidh Pàrlamaid na h-Alba.
Thèid Latha Meòrachaidh Nàiseanta, a’ comharrachadh bliadhna bho thòisich glasadh sluaigh na dùthcha, a chomharrachadh an-diugh ann am Pàrlamaid na h-Alba ann an sreath gnìomhan co-fhaireachdainn.
Thèid fear de na cruinneachaidhean as motha de luchd-pàrlamaid eadar-nàiseanta gus èiginn na gnàth-shìde a dheasbad a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba san t-Samhain, thathar air fios a thoirt an-diugh.
Feumaidh Riaghaltas na h-Alba làn mheasadh buaidh neo-eisimeileach iarraidh air an Achd Coiteachaidh (Alba) 2016, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh le Comataidh Sgrùdadh Poblach is Iar-reachdail aig Taigh an Ròid.