Thathar an dùil gum faigh Nicola Sturgeon, Prìomh Mhinistear na h-Alba a chaidh ath-thaghadh o chionn ghoirid, aonta na Pàrlamaid a thaobh a molaidhean airson Ministearan na h-Alba a chur an dreuchd.
Tha BPA Holyrood an t-seachdain seo gu bhith a’ taghadh Prìomh Mhinistear airson an t-siathamh seisein de Phàrlamaid na h-Alba (Dimàirt 18 Cèitean 2021).
Chaidh Annabelle Ewing BPA agus Liam MacArtair BPA a thaghadh feasgar an-diugh mar Leas-oifigearan Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba.
Chaidh Alison Johnstone BPA a thaghadh mar an t-Siathamh Oifigear Riaghlaidh aig Pàrlamaid na h-Alba. Is i Ms Johnstone a’ chiad BhPA Uaine a chaidh a thaghadh airson na dreuchd.
Is e faighinn seachad air galar lèir-sgaoilte COVID-19, dèiligeadh ris an èiginn gnàth-thìde agus an rèiteachadh tiomnadh cumhachd às dèidh Brexit as motha a nochdas ann an obair na h-ath Phàrlamaid ...
Tha BPA ùr-thaghte Thaigh an Ròid gu bhith a’ taghadh Oifigear Riaghlaidh ùr airson Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin 13 Cèitean 2021.
Bheir BPA a tha air an ùr thaghadh seachad bòid no dearbhadh sòlaimte aig Taigh an Ròid air Diardaoin 13 Cèitean 2021.
Tha brataichean Pàrlamaid na h-Alba ag itealaich am meadhan a’ chrainn an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann
Tha an t-Oifigear Riaghlaidh air cur an cèill feasgar an-diugh gun tèid Pàrlamaid na h-Alba ais-ghairm Diluain 12 Giblean an dèidh bàs A Mhòrachd Rìoghail Diùc Dhùn Èideann. Is e gluasad co-fhaireachdainn an t-aon nì a bhios air a’ ghnothach.
Thèid dithis bhall pàirt-ùine ùr de Choimisean Còraichean Daonna na h-Alba (SHRC) ainmeachadh an dèidh farpais fastaidh fosgailte.