Feartan den Togalach

Teisteanas Dèanadas-lùtha - B

Thathar air Teisteanas dèanadas-lùtha (8KB pdf) a chur ri chèile dhan Phàrlamaid. Is e na tha san teisteanas seo sgrìobhainn a chuireas an cèill èifeachd togalaich mu lùth air a bonntachadh air mar a chaidh a thogail.

Tha seo ga thomhas le bhith a’ cur feum air bathar-bog coimpiutaireachd gus amhladh den togalach a chruthachadh. Am measg an fhiosrachaidh san amhladh tha cruinneadaireachd an togalaich, ìrean de lìneachadh agus de theasachadh agus siostaman-soillseachaidh. Tha ìrean a’ dol bho A, an ìre as èifeachdaiche gu G, an tè as ìsle. Fon ìre mu lùth, gabhaidh togalaichean a chur an coimeas a chèile air a bhonntachadh air pàtrain àbhaisteach.

Is e ìre na Pàrlamaid mu lùth B (8KB pdf).

Airson barrachd fiosrachaidh air teisteanasan-lùtha, tadhail air làrach-lìn Inbhean Togalaichean na h-Alba.

Duais Àrainneachdail - BREEAM

Chaidh sgrùdadh mionaideachd a thaobh na h-àrainneachd a dhèanamh air an togalach air fad a dhèanamh le Buidheann-rannsachaidh Thogalaichean, buidheann-comhairleachaidh neo-eisimeileach mun àrainneachd.

Chaidh na trì prìomh mhìrean den aitreabh (Togalach nam Ball, Taigh Queensberry agus Togalaichean an t-Seanaidh) a mheasadh “Barraichte” a thaobh dèanadas-àrainneachd fo Mhodh-measaidh na h-Àrainneachd aig Buidheann-rannsachaidh Thogalaichean. Rinn seo breitheanas air dealbhadh an togalaich sna raointean ceangailte ri slàinte is fallaineachd, lùth, còmhdhail, taghadh stuthan agus cleachdadh-uisge.

San roinn mu èic-eòlas san duais, thug Taigh an Ròid comharraidhean iomlan a-mach, stèidhichte air gnèithean dùthchasach air an cur air feadh an fhearainn, rud a chuir ri bith-eugsamhlachd.

Chaidh comharraidhean iomlan a bhuileach airson dealbhadh Thaigh an Ròid a tha càirdeil don ozone. Mar eisimpleir, chan eil ceimig a dh’fhalmhaicheas ozone ga cleachdadh san fhionnarachadh-àile chuibhrichte agus san stuth-smàlaidh.

Chaidh comharraidhean àrda a bhuileachadh cuideachd airson a bhith a’ cleachdadh an uisge gu seaghach air an làraich. Thathar a’ cleachdadh uisge bho thuill-thollaidh air an làraich, a chleachdte airson grùdaireachd anns an aimsir a dh’fhalbh, gus clòsaidean a shruthladh a-nis.

Chaidh duais àrd a thoirt do dh’oifisean nam Ball airson nan ìrean ìseal de bhrùchdadh carboin ris an robh dùil, ri linn an dealbhaidh a tha seaghach a thaobh lùtha. Thathar a’ cumail caitheamh-lùtha aig an ìre as ìsle le fionnarachadh is soillseachadh nàdarra nuair a ghabhas e dèanamh.

Chaidh creideas a thoirt cuideachd airson cumadh is aghaidh Thaigh Queensbury a ghleidheadh, agus cleachdadh stuth-leagail bho na togalaichean a b’ àbhaist a bhith air an làrach, a chaidh a chleachdadh mar lìonadh agus mar bhun-cruaidh.

Teas

 

Tha siostaman-teasachaidh agus uisge-teth na Pàrlamaid gu math èifeachdach agus tha fionnarachadh-àile ga chumail gu seòmraichean nam frithealaichean-IT, far an cleachdar an ìre as ìsle de dhà-ogsaid carboin. Sa chuid as motha de dh’àiteachan, seach fionnarachadh-àile, tha siostam sa mheadhan a’ cumail smachd air àireamh mhòr de dh’uinneagan a ghabhas fosgladh air an oidhche ri linn tìde bhlàth gus am fionnairich an togalach. Tha an siostam seo ga leasachadh le aonadan-làimhseachaidh.

 

 

Dealan

Thathar a’ ceannach an dealain gu lèir bho thùsan ath-nuadhachaidh mar innealan-gaoithe, cumhachd-uisge agus bith-stuth. Sa gheamhradh tha beagan dealain ga chruthachadh air an làraich le inneal sa bheil teas is cumhachd le chèile agus a bhios a’ losgadh gas nàdarra.  Thathar a’ cleachdadh an teas a bharrachd mar theasachadh.

Bidh a’ Phàrlamaid a’ cleachdadh mu 5.6 millean kWh de dhealan sa bhliadhna. Thathar air seo a lùghdachadh 1 mhillean kWh sa bhliadhna bho chaidh an togalach fhosgladh. Tha mu 7,000 de lampaichean gan cleachdadh anns an togalach, às a bheil mu 800 nan LEDan sàr-èifeachdach a-nis.

Uisge

 

Tha tuill-thollaidh air an làraich a’ toirt seachad an uisge gu lèir air a bheil feum airson nan clòsaidean. Tha Buidheann-gnìomha Dìon Àrainneachd na h-Alba air cead a bhuileachadh air a’ Phàrlamaid gus am faodar uisge a tharraing a-mach às tuill-thollaidh.

 

Stuthan

 

Tha am fiodh gu lèir a thathar a' cleachdadh anns a' Phàrlamaid a' tighinn à àiteachan seasmhach iar an deagh rianachd. Ionnsaich barrachd mun stuth a thathar a’ cleachdadh anns na diofar thogalaichean.

 

 

Bidh a’ Phàrlamaid a’ dèanamh rianachd air stuthan a chleachdar am broinn an togalaich. Cleachdar a’ chuid as motha den phàipear bho sgudal air ath-chuairteachadh gu tur agus tha iomadh seòrsa suth leithid glainne, bòrd-cairte, crogain-deoch agus roidhleagan-clò ga ath-chuairteachadh.

 

Blàr-donn

Chaidh a’ Phàrlamaid a thogail air blàr-donn, far am biodh ionad-grùdaireachd na h-Alba is a’ Chaisteil Nuaidh bho shean, gus nach fheumar raon-uaithne a chleachdadh. Tha teachd na Pàrlamaid air cur ri bith-eugsamhlachd na làraich. Thathar air feur tearc is dùthchasach a gheibhear air Àrd air Suidhe a chur ann an raointean-fosgailte na Pàrlamaid. Faigh a-mach barrachd mun rannsachadh.

Còmhdhail

Chaidh a’ Phàrlamaid a dhealbhadh gus a chur air chomas nan uile a tha ag obair an seo siubhal gu obair gu seasmhach.  Chan eil a’ Phàrlamaid ach cairteal na h-uarach de cheum bho phrìomh stèisean-rèile Dhùn Èideann agus tha Sràid a’ phrionnsa faisg air làimh, le cothrom air busaichean dhan a h-uile ceàrnaidh de Dhùn Èideann agus nas fhaide air falbh.  Tha còrr is leth-cheud de dh’ealchainnean-rothar ann don luchd-obrach. Tha goireasan-frasaidh agus -atharrachaidh ann cuideachd. Tha ealchainnean-rothar an taobh a-muigh an togalaich airson luchd-tadhail cuideachd. 

Tha Rothaireachd na h-Alba air a’ Phàrlamaid a mheasadh a thaobh goireasan-rothaireachd agus tha iad air teist a thoirt gun tug a’ Phàrlamaid a-mach na slatan-tomhais gus a bhith air aithneachadh mar ‘Fhastaidhear Càirdeil do Rothaireachd’. Chuir a' Phàrlamaid roimhpe ìre nan ionadan-pàrcaidh ann am broinn an aitreibh a chumail gu 66, 6 do dhràibhearan ciorramach nam measg. Tha seo an taca ri 240 de dh’ionadan-pàrcaidh air an robh cothrom nuair a bha Grùdairean na h-Alba is a’ Chaisteil Nuaidh air an làraich.

Poileasaidh-ceannaich Cùramach

Tha poileasaidh aig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba an droch bhuaidh air an àrainneachd a chumail aig an ìre as ìsle le bhith a’ tarraing a-mach obair-ceannaich ann am modh a tha cùramach mun àrainneachd. 

Tha an àirneis a thathar a’ cleachdadh anns a’ Phàrlamaid na deagh eisimpleir den phoileasaidh seo ann an gnìomh. Tha am fiodh gu lèir a thathar a’ cleachdadh anns an àirneis a’ tighinn à coilltean seasmhach air an deagh rianachd mar an fheumalachd as lugha agus thathar a’ seachnadh a bhith a’ cleachdadh cròim agus leathair.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.