Tha BPA air Comataidh Bun-stèidh, Roinn Eòrpa, Cùisean Taobh a-muigh agus Cultar Pàrlamaid na h-Alba an-diugh a’ cur air bhog gairm bheachdan mu mhaoineachadh airson cultar ann an Alba.
Chaidh sireadh airson 129 gaisgich choimhearsnachdan ionadail a chur air bhog an-diugh le Pàrlamaid na h-Alba.
Bu chòir do Riaghaltas na RA an t-àrdachadh de £20 san t-seachdain gu Creideas Coitcheann agus Creideas Cìse Obrach a dhèanamh maireannach, a rèir co-litir a chuir comataidhean tar-phàrtaidh a-mach ...
Tha planaichean airson pàigheadh a bharrachd do chuid de luchd-cùraim gun phàigheadh gam beachdachadh le Comataidh Ceartais Shòisialta agus Tèarainteachd Shòisealta aig Pàrlamaid na h-Alba.
Thathar an dùil gum faigh Nicola Sturgeon, Prìomh Mhinistear na h-Alba a chaidh ath-thaghadh o chionn ghoirid, aonta na Pàrlamaid a thaobh a molaidhean airson Ministearan na h-Alba a chur an dreuchd.
Tha BPA Holyrood an t-seachdain seo gu bhith a’ taghadh Prìomh Mhinistear airson an t-siathamh seisein de Phàrlamaid na h-Alba (Dimàirt 18 Cèitean 2021).
Chaidh Annabelle Ewing BPA agus Liam MacArtair BPA a thaghadh feasgar an-diugh mar Leas-oifigearan Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba.
Chaidh Alison Johnstone BPA a thaghadh mar an t-Siathamh Oifigear Riaghlaidh aig Pàrlamaid na h-Alba. Is i Ms Johnstone a’ chiad BhPA Uaine a chaidh a thaghadh airson na dreuchd.
Is e faighinn seachad air galar lèir-sgaoilte COVID-19, dèiligeadh ris an èiginn gnàth-thìde agus an rèiteachadh tiomnadh cumhachd às dèidh Brexit as motha a nochdas ann an obair na h-ath Phàrlamaid ...
Tha BPA ùr-thaghte Thaigh an Ròid gu bhith a’ taghadh Oifigear Riaghlaidh ùr airson Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin 13 Cèitean 2021.