30.06.2016
Chaidh
làn liosta fhoillseachadh de thachartasan a chomharraicheas fosgladh a’
chòigeamh seisein de Phàrlamaid na h-Alba.
Is iad trì prìomh phàirtean an latha:
Òraid A Mòrachd a’ Bhànrigh don Phàrlamaid: 11.00m - 12 meadhan-latha
Òrdugh deas-ghnàith
Prògram ciùil le Còisir Òigridh na h-Alba,
Seirm Luchd-trompaid na Stàite nuair a thig a’ Bhànrigh don t-seòmar,
agus an uair sin:
Lorg (mace) Pàrlamaid na h-Alba
Crùn na h-Alba air a ghiùlan le Diùc Hamilton agus Brandon,
Fàilte leis an Oifigear Riaghlaidh
Òraid A Mòrachd a’ Bhànrigh
Cluich Piano Quintet Àireamh 1 – a chaidh a bhrosnachadh le togalach Pàrlamaid na h-Alba. Dèanta le Tom Aitken agus air a chluich le Còmhlan Orcastra Rìoghail Nàiseanta na h-Alba
Dàn – Fosglaibh na Dorsan!, air a sgrìobhadh le Edwin Morgan agus air a ghabhail le Tèatar Òigridh na h-Alba
Dàn – Stairseach, air a sgrìobhadh agus air a ghabhail le Jackie Kay, Makar na h-Alba
Freagairt do A Mòrachd a’ Bhànrigh – Am Prìomh Mhinistear
Òran – A Man’s a Man for A’ That, air a sheinn le Midge Ure OBE, Neach-taice Burnsong
A Mòrachd a’ Bhànrigh a’ fàgail
An Caorann air a chluich le Pìobair Pàrlamaid na h-Alba, Stiùbhart MacMhaolain BPA
A’ Mharcachd: 12.00 meadhan-latha gu 1.00f
Bidh mu 2,500 a’ gabhail pàirt ann am ‘Marcachd’ bheothail, eachdraidheil a’ dol sìos Mìle Rìoghail Dhùn Èideann. Aig an ceann bidh Còmhlan Rèisimeid Rìoghail na h-Alba (SCOTS Band) air an leantainn le buidhnean coimhearsnachd a’ gabhail a-steach Lochlannaich Shealtainn; dannsairean Pòlainneach, Punjabi agus Gàidhealach, còmhlain pìoba is umha, còisirean, agus a’ bhuidhnean ealain armailteach Yee’s Hung Ga le dràgon Sìonach.
Tòisichidh a’ Mharcachd aig Sràid na Margaidh an Ear, gabhaidh i slighe sìos a’ Mhìle Rìoghail agus crìochnaichidh i ann an gàrraidhean Thaigh an Ròid.
Gheibhear làn liosta de mhuinntir na Marcachd an seo:
http://www.scottish.parliament.uk/newsandmediacentre/100176.aspx
Thig Gaisgich Ionadail, a chaidh ainmeachadh le BPA gus comharrachadh na h-obrach cudromaich a tha iad a’ dèanamh airson daoine eile, an lùib na Marcachd nuair a dhlùthaicheas i air Taigh an Ròid.
Gheibhear fiosrachadh mu na Gaisgich Ionadail an seo:
http://www.visitparliament.scot/big-day-out/local-heroes/
Thig BPA agus an aoighean a-mach bhon t-Seòmar tro Thaigh Queensberry a ghabhail pàirt sa Mharcachd cuideachd.
Gabhaidh an t-Oifigear Riaghlaidh agus ceannardan nam pàrtaidhean àite air an àrd-ùrlair air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba agus cuiridh iad fàilte air a’ Mharcachd.
Latha Mòr Taigh an Ròid: 2f–6f
Feasgar làn spòrs don teaghlach gu lèir. Bidh gàrraidhean agus dorsan na Pàrlamaid fosgailte do na h-uile a thoirt sùil timcheall. Tha gach tachartas an-asgaidh agus cha leig thu a leas clàradh – gabh tlachd san fheasgar agus dèan gàirdeachas ri fosgladh na Pàrlamaid.
Fios mun phrògram an seo: http://www.visitparliament.scot/big-day-out/
#SPBigDayOut
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
