UNBOXED: Comharrachadh aon uair a-mhàin de chruthachaileachd, a’ tachairt air feadh Sasainn, Èirinn a-Tuath, na h-Alba, na Cuimrigh is air loidhne bhon Mhàrt chun an Damhair 2022.
Tha sinne a’ leigeil mu sgaoil 10 beachdan ùra iongantach, air an cumadh tarsainn air eòlas, teicneolas, innleadaireachd, na h-ealain is matamataig le inntinnean tapaidh ag obair còmhla far nach biodh dùil ris. Thig tachartasan nach urrainnear call agus nach tèid à cuimhne a dh’àiteachan is a raointean air feadh Bhreatainn: eadar bailtean-puirt is meadhan nam bailtean-mòra agus ceàrnaidhean riochdail de bhòidhchead nàdair.
Thèid agaibh air UNBOXED a mhealtainn an làthair thachartasan, air an telebhisean, air an radio agus air loidhne – uile gu lèir an asgaidh. Agus tha sinne ag iarraidh oirbh compàirt a ghabhail sa h-uile pàirt den bhliadhna annasaich seo: gur tumadh fhèin nar prògramanan ionnsachaidh nàiseanta, a’gabhail compàirt ann an seiseanan-obrach is ann an tachartasan sònraichte, is fiù ‘s a’cluich prìomh-phàirt ann a bhith a’ toirt fear de na 10 pròiseictean iongantach seo beò.
Gabhaibh cuairt thogarrach ioma-mheadhanan tro 13.8 billean bliadhnaichean de dh’eachdraidh ann am Mu Ar Deidhinn, agus fàsaibh rudan fhad ‘s a tha Beàrnan-brìde ag ath-nuadhachadh fèill an fhoghair airson an 21 mh. Linn. Leigibh mu sgaoil comas na h-inntinn a tha gun chuingeal ann an Dreamaschine, theirigibh air adhart trichead bliadhna le GALWAD: Sgeul bho ar n- Àm ri Teachd, agus bithibh nur fear no tè den 20,000 luchd-soilleireachaidh a’ soillseachadh ar n-àiteachan brèagha fiadhaich ann an Àite Uaine Speuran Dorcha. ‘S urrainn dhuibh rian na grèine fhidreadh an seo fhèin air Thalamh ann an Ar n-Àite ann am Fànas, gabhaibh cuairt ann an coille fo gheasaibh ann an cridhe a’ bhaile-mhòir le PoliNations, agus thigibh air bòrd crann-ola a’ Chuain a Tuath air a chur gu feum ùr ann an SEE MONSTER. Tha SligheanSgeòil a’ toirt beò is a’ cur am meud eachdraidhean falaichte ar bailtean, beag is mòr – agus ‘s e prìomh-fhèis a tha ann an Tour de Moon air a chruthachadh an co-bhoinn le saideal na gealaich againn fhìn.
UNBOXED: Cruthachaileachd san RA – ‘S e a tha ann ach am prògram as motha agus as dòchasaiche a chuireadh an cèill riamh air na cladaichean seo. Chaidh a mhaoineachadh le ceithir riaghaltasan na RA, agus tha e air a cho-choimisineadh le Comhairle Baile Bhéal Feirste, TachartasAlba is a’ Chuimrigh Chruthachail. Thigibh còmhla ris na muilleanan gus faighinn a-mach mar a tha cumhachd aig cruthachalachd – ar cruthachalachd-ne - an saoghal atharrachadh.