Tha seasmhachd aig cridhe Beàrnan-brìde. Le bhith ag obair còmhla ri coimhearsnachdan air feadh na h-Alba, tha sinn an dòchas spionnadh às ùr a chur ann an dàimh an t-sluaigh ri nàdar. ‘S e a bhith a’ fàs bìdh fear de na ceanglaichean as dlùithe a tha againn ris an talamh, agus ‘s ann mu dheidhinn biadh a tha a’ fàs gu nàdarrach a tha Beàrnan-brìde, air a bhuain le muinntir an àite, agus ga mhealtainn cho faisg ‘s a ghabhas air àite-fàis – ‘s e as fheàrr dhuinn agus don chruinne-cè.
Nuair a thòisich sinn air am prògram nàiseanta seo a dhealbhachadh, nochd e gu soilleir gur e còmhdhail a’ phrìomh bhuaidh a bhiodh againn air an àrainneachd. Bho thoiseach Beàrnan-brìde tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri Sustrans, carthannas na comhdhail seasmhaich, airson gach pàirt den phròiseact a dhealbhachadh agus a thoirt gu buil. Tha sinne cuideachd a’ moladh coiseachd is rothaireachd do ar tachartasan – agus far nach eil còmhdhail chorparra air chomas, cleachdaidh sinn carbadan dealain far an urrainn dhuinn.
Seo ar prìomh ghealltanasan seasmhachd:
A’ leasachadh prìomh-mheadhan fàis Beàrnan-brìde, a’ seachnadh ròineagan-coco is mòine nach eil seasmhach.
A’ moladh rothairean-cargo airson a’chuid mu dheireadh den a h-uile turas de ar prògram Rothairean air Chuairt.
A’ cleachdadh stuthan a ghabhas ath-chleachdadh airson a h-uile ciùb is àrd-ùrlar againn, a’ dèanamh cinnteach à seasmhachd nan goireasan an dèidh a’phròiseict.
Far nach gabh dealan an lìn a chleachdadh, bidh sinn a’cleachdadh gineadairean dealain bith-chonnaidh HVO (a loisgeas seann ola chòcaireachd) a nì 90% nas lugha de thruailleadh na diesel
Tha na bunan-luis againn uile air am fàs ann an Alba agus air an ceannach bho chompanaidh neodrach a thaobh carboin a bhios ag obair gu dlùth le ar compàirtichean aig SRUC (Colaiste Dhùthchail na h-Alba)
Tha an luchd-ciùil air an taghadh is an cuairtean fhèin fainear dhuinn, a’ cur an lughad na dh’fheumas iad siubhal a dh’Alba airson cluich aig tachartasan Beàrnan-brìde a-mhàin
Tha am biadh aig ar tachartasan bho bhuidhnean ionadail le cleachdaidhean seasmhach
Bidh sinn a’ mion-sgrùdadh a h-uile mìr de ar tachartasan a dhèanamh cinnteach gu bheil iad cho seasmhach ‘s a ghabhas.
Tha sinn ag iarraidh air a h-uile duine a fhritheileas Beàrnan-brìde smaointinn air ciamar a bhios iad a’ siubhal – feuch an coisich iad, an tig iad air rothair ma ‘s urrainn dhaibh, no air còmhdhail phoblach
‘S e ar n-amas uile gu lèir a bhith neodrach a thaobh carboin. Tha sinn a’ creidsinn gur urrainn dhuinn seo a ruighinn – agus fiù ‘s gum b’ urrainn dhuinn a bhith dearbhach a thaobh carboin
Le bhith ag obair gu dlùth le Seasmhachd Meadhan an Iar Shasainn agus TachartasAlba, bidh sinn ag ath-sgrùdadh gach meur de Bheàrnan-brìde gu cunbhalach a thaobh ar gealltanas seasmhachd. Agus airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn freagarrach, bidh sinn a’clàradh nam buaidhean againn gu mionaideach, leis a’ ghealltanas gun cuir sinn tuilleadh chraobhan airson an truailleadh nach urrainn dhuin a sheachnadh ath-dhìoladh.