IDEA - Dandelion
Dandelion

IDEA

Tha Ionghabhail, Iomadachd, Co-ionannachd is So-ruigsinneachd (IDEA) aig cridhe Beàrnan-brìde – ‘s e ar n-amas a bith nar buidhinn dha-rìreabh ionghabhalach.
Tha sinne a’ creidsinn mar as eugsamhaile a tha sinn, gur ann ann as làidire a bhios ar n-obair, agus tha fàilte air na bheir diofar do ar buidhinn. Tha sinne ag iarraidh èisteachd agus dèanamh cinnteach gur urrainn do dh’uimhir a dhaoine ‘s a ghabhas tighinn ann, gabhail ri is compàirt a chluich nar n-obair. Tuigidh sinn gum bi gach duine againn a’ toirt leinn ar n-eòlais , ar n-eachdraidh is ar sealladh fhìn do na nì sinn.
Tha taic aig an obair seo le Cruinneachadh IDEA, ar càirdean comhairle a chomhairlicheas is a bhrosnaicheas IDEA air feadh na h-obrach againn, a’ toirt fios is piseach do na poileasaidhean, do na gnìomhan is do na buill-acfhainn againn. Tha Cruinneachadh IDEA a’ cluich pàirt chudromach ann a bhith a’ toirt buaidh air is a’cur an comas fìor-atharrachadh sa choimhearsnachd a tha a dhìth air daoine is sinn a’ tighinn a-mach às a’mhòr-ghalar.