Tha àireamh nan seilleanan ann am Pàrlamaid na h-Alba air fàs gu còrr is millean beach.
Leis an àireamh de sheilleanan a’ sìor-shoirbheachadh, tha àireamh nan sgeapaichean air an làraich air a dhol am meud, a’ fàs bho 11 an-uiridh gu 15.
Dealbh: Taighean-sheilleanan, Pàrlamaid na h-Alba. (c) SPCB
Chaidh na taighean-sheilleanan a chur an-àirde ann an Gàrradh nam Ball ann am Pàrlamaid na h-Alba an toiseach ann an 2014.
Rè mìosan an t-samhraidh, bidh àireamh nan seilleanan air làrach Thaigh an Ròid ag àrdachadh gu còrr is millean beach, a’ tuiteam air ais gu trian dhe sin tron gheamhradh.
“Mar Phàrlamaid, tha sinn dealasach air a h-uile nì a dhèanamh as urrainn dhuinn gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-àm ri teachd so-sheasmhach dhuinn uile.
“Tha na seilleanan seo air a bhith againn bho chionn 2014, agus gu ìre mhòr ’s ann mar gun robh iad a’ buntainn ris an làraich againn.
“Tha iad a’ cluiche pàirt chudromach ann a bhith a’ sealltainn mar bu chòir don a h-uile buidheann an cuid aca fhèin a dhèanamh a thaobh bith-iomadachd a chur air adhart, dèiligeadh ri atharrachadh gnàth-shìde agus beachdachadh air mar a tha sinn a’ cinneasachadh biadh.”
Thuirt Stuart Hood, beachlannair agus sealbhadair ‘Hoods Honey’, a bhios a’ gleidheadh nan sgeapaichean:
“ ’S e seo an naoidheamh bliadhna againn le taighean-sheilleanan air làrach Pàrlamaid na h-Alba. San ùine sin, tha sinn air fàs bho cheithir sgeapaichean suas gu 15 a-nis.
“Is toigh leis na beachan a bhith stèidhichte an seo agus tha iad a’ soirbheachadh san àrainneachd seo, agus tha mi moiteil a ràdh gun deach a h-uile sgeap air an làraich a bhriodadh an seo agus, mar sin, tha iad mar chineal a tha sònraichte do Phàrlamaid na h-Alba.”
Prìomh fhiosrachadh:
Is àbhaist gum bi seilleanan a’ cruinneachadh poilean agus neactar aig astar suas gu 2 mhìle, ach le Pàirc Thaigh an Ròid air an stairsnich, chan fheum iad itealaich fada.
Aig àirde an t-samhraidh, bidh suas ri eadar 65,000 agus 70,000 beach aig gach sgeap.
Gach latha, bidh astar an itealachaidh cho-mheasgaichte airson nam beach itealaich uile ann an aon sgeap co-ionann ri itealaich bhon talamh suas chun na gealaich.
Bidh iad ag itealaich aig luaths cuibheasach de 17 m.s.u. nuair a tha iad ag itealaich gu lusan agus aig 12 m.s.u. nuair a tha iad a’ tilleadh làn-luchdaichte leis an spùinn.
Tha a’ chèir-sheillein (stuth a gheibhear mar fhrith-bhuaidh beachlannaireachd) ga cleachdadh gus Seula Mòr na h-Alba a lìonadh agus achdan Pàrlamaid na h-Alba a sheulachadh.
Mar am poileanadair as cudromaiche san t-saoghal airson bàrr-bìdh, thathar a’ meas gu bheil aon trian den bhiadh a bhios sinn ag ithe gach latha an crochadh air poileanachadh, sa mhòr-chuid le beachan ach cuideachd le meanbh-fhrìdean eile, eòin agus ialtagan.
Thathar ag iarraidh air muinntir a’ phobaill fios a chur chun na Comataidh Slàinte, Cùram Sòisealta agus Spòrs a mholadh cheistean agus chùisean a bu toil leotha a thogail le Rùnaire a’ Chaibineit airson Slàinte is Cùraim Shòisealta.
Chaidh cuireadh a thoirt do Mhìcheal MacMhathain BPA, Rùnaire a’ Chaibineit airson Ath-bheothachadh NHS, Slàinte agus Cùraim Shòisealta nochdadh air beulaibh na Comataidh air 12 Sultain agus tha a’ Chomataidh airson ionnsachadh dè na ceistean a bu toil leis a’ phoball agus an fheadhainn a tha ag obair ann an slàinte is cùram a bhiodh a’ Chomataidh a’ faighneachd dha.
Mìcheal MacMhathain BPA
Tha a’ Chomataidh air co-chomhairle a chur air bhog far am faod muinntir a’ phobaill ceistean agus cùisean co-cheangailte ri slàinte is cùram sòisealta a mholadh a dh’fhaodadh Buill na Comataidh a thogail le Rùnaire a’ Chaibineit nuair a nochdas e.
Is ann dìreach air ceistean a tha buntainneach do raointean dleastanais Rùnaire a’ Chaibineit – ath-bheothachadh an NHS bhon ghalar lèir-sgaoilte, slàinte is cùram sòisealta – a thèid beachdachadh.
Thuirt Clare Haughey BPA, Neach-gairm na Comataidh Slàinte, Cùram Sòisealta agus Spòrs:
“Tha e an urra ris a’ Chomataidh againn sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha Riaghaltas na h-Alba a’ lìbhrigeadh slàinte is cùram sòisealta, agus ’s e deagh chothrom a tha seo don phoball agus dhaibhsan a tha ag obair ann an roinn na slàinte is cùraim ceistean a mholadh don Chomataidh a chuireas iad air Rùnaire a’ Chaibineit.
“Cuidichidh na ceistean a mholas tu gus fiosrachadh a thoirt don sgrùdadh againn air dòigh-obrach Riaghaltas na h-Alba a thaobh leasachadh agus lìbhrigeadh poileasaidh slàinte is cùraim shòisealta ann an Alba.
“Tha a’ cho-chomhairle fosgailte do na h-uile agus bhiodh sinn air leth toilichte cluinntinn bhuat.”
Bidh an Fhèis Phoileataigs a’ tòiseachadh ann an ùine nach bi fada. Mar phàirt den phrògram, bidh Jim Whannel, neach-foghlaim a tha dìreach air a dhreuchd a leigeil dheth mar Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, a’ gabhail pàirt ann am pannal beachdachaidh mun bhuaidh aig Earrann 28. Chuir sinn beagan cheistean air Jim mun tachartas agus seo na bh’ aige ri ràdh!
Mar as àbhaist le agallamhan air a’ bhloga seo, seo beachdan pearsanta agus dh’fhaodte nach ionann iad agus beachdan Buidheann Choporra Pàrlamaid na h-Alba.
Jim, tha thu gu bhith an sàs ann an tachartas aig an Fhèis Phoileataigs an seo ann am Pàrlamaid na h-Alba a dh’aithghearr. An innse thu rud beag dhuinn mu dheidhinn?
’S e seo an 19mh Fèis Phoileataigs aig Pàrlamaid na h-Alba – sa phrògram tha coinneamhan aghaidh ri aghaidh aig a’ Phàrlamaid fhèin is tachartasan eile air-loidhne air raon farsaing de dhiofar chuspairean. A thaobh nan tachartasan mu phoileataigs bidh coinneamhan ann air an t-suidheachadh ann an Ucràin, gràin-cinnidh, craoladh san àm ri teachd agus ealain is cultar ann an Alba agus an tachartas far am bi mi fhìn a’ bruidhinn – a’ comharrachadh 35 bliadhna bho Earrann 28 (Section 28 / Earrann 2a ann an Alba). Tha làn-fhiosrachadh air a’ phrògram (a’ gabhail a steach nan tachartasan ann am Bàr Café na Fèise – prògram fa leth de cheòl, còisirean, dannsa is taisbeanaidhean far am bi fàilte chridheil air a h-uile duine) aig
Thòisich mi a‘ teagaisg (san t-siostam bun-sgoile) aig deireadh nan 80an dìreach às dèidh Earrann 28 ann an 1988. Bha mi nam cheannard bun-sgoile ann an Glaschu, is an uair sin chaidh mo chur an dreuchd mar Chomhairliche Foghlaim ann an 2002 – le dleastanasan, am measg cuspairean eile, airson leasachadh Foghlam tro Ghàidhlig ann an Glaschu. Stiùirich mi an sgioba a lìbhrig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a dh’fhosgail gu foirmeil ann am 2006. Theagaisg mi air a’ phrògram MA Gàidhlig le Foghlam Bun-sgoile aig Oilthigh Dhùn Èideann agus leig mi dheth mo dhreuchd mar Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig aig tòiseach na bliadhna seo.
Tha mi air a bhith a’ gabhail pàirt ann am buidhnean iomairt airson daoine gèidh bho na 70an nuair a bha mi aig Oilthigh Ghlaschu – saor-thoileach air Lesbian/Gay Switchboard, Cathraiche PHACE Scotland (buidheann taice nàiseanta airson daoine le AIDS/HIV), Pròiseact Talla Coimhearsnachd Gèidh Ghlaschu agus bha mi nam bhall air Comataidh Cho-ionnanachd an EIS cuideachd. Dh’obraich mi air na h-iomairtean an aghaidh Earrann 28 eadar 1987 is 88 (nuair a bha am Bile a’ dol tro Phàrlamaid na RA) agus san iomairt gus an Earrainn às-ghairm ann am Pàrlamaid na h-Alba ann 2000.
Innis dhuinn mu Earrann 28 – dè a bh’ ann, agus carson a rinn thu iomairt na aghaidh?
Ghabh Pàrlamaid na RA ri Earrann 28 ann an 1988 fon Riaghaltas aig Mairead Thatcher. Thoirmisg e ùghdarrasan ionadail bho bhith “a’ cur air adhart co-sheòrsachd no stuthan fhoillseachadh airson co-sheòrsachd a chur air adhart” agus thoirmisg e “a bhith a’ teagaisg gun robh co-sheòrsachd iomchaidh mar dàimh teaghlaich mas fhìor – teaching of the acceptability of homosexuality as a pretended family relationship”.
Bha e beagan coltach ri bhith a’ gabhail a’ bhus ann an Alabama le daoine dubh aig a’ chùl is daoine geal a mhàin aig a’ bheulaibh – a sheas Rosa Parks an aghaidh gu gaisgeil ann an 1955 – bha Earrann 28 ag ràdh gu bheil daoine gèidh san dàrna chlas – gun robh iad neo-ionann ri daoine eile. Gu seachd àraid ann an sgoiltean dh’adhbharaich seo fèin-cheansarachd – feagal gum biodh fiù ’s iomradh sam bith mu dheidhinn co-sheòrsachd mì-laghail (agus feagal am measg ùghdarrasan ionadail gum biodh maoineachadh sam bith airson seirbheisean/pròiseactan a bha a’ toirt seachad taic gu daoine gèidh, mì-laghail cuideachd). Ann am prionnsabal smaointich mi gun robh sin ceàrr, mì-cheart is leth-bhreitheach.
Tha còrr is 20 bliadhna ann a-nis bho chaidh Earrann 28 ath-ghairm – ciamar a tha cùisean air atharrachadh bhon uair sin?
Tha an suidheachadh ann an Alba agus san Rìoghachd Aonaichte gu tur eadar-dhealaichte airson boireannaich is fireannaich gèidh a-nis. Nuair a chaidh Earrann 28 tro Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte bha e laghail, mar eisimpleir, cuideigin a chur a mach à dreuchd a chionn ’s gun robh iad leasbach no gèidh, cha robh pòsaidhean gèidh ceadaichte agus a rèir British Social Attitudes Survey 1987 bha 75% den t-sluagh den bheachd gun robh co-sheòrsachd an-còmhnaidh ceàrr no ceàrr sa mhòr-chuid (le dìreach 11% den bheachd nach robh i ceàrr idir). Ma dh’fhaoidte le figearan fiù ’s nas miosa ann an Alba – cuimhnich gun robh co-sheòrsachd fhireann mì-laghail ann an Alba gu 1980.
Tha obair fhathast ri dhèanamh tha fhios a’m agus uaireannan cluinnidh tu fhathast beachdan a tha nam briseadh-dùil ach tha rudan fada nas fheàrr na bha iad ann 1988. Le stiùir bho dhiofar riaghaltasan ann an Alba agus leis an obair thar-phàrtaidh a’ cur air adhart co-ionannachd sa Phàrlamaid seo, tha sinn air faicinn gu bheil beachd a’ mhòr-shluaigh air atharrachadh gu mòr. Tha an obair air leth a tha TIE – Time for Inclusive Education – a’ dèanamh ann an sgoiltean – ag obair air an talamh le òigridh a’ cuideachadh gus beachdan atharrachadh a’ dèanamh diofar gun teagamh. Tha e cudromach nach eil sinn nar tàmh– gu seachd àraid leis na cunnartan a’ nochdadh a-rithist thall thairis, san Spàinnt, san Eadailt, san Rùis agus anns na Stàitean Aonaichte, ach tha mi dòchasach nach fhaic sinn Alba reachdas nimheil leithid Earrann 28 a-rithist.
Thèid an tachartas a chumail Diciadain, 10 Lùnastal 2023 eadar 3.15f agus 4.45f. Gheibhear barrachd tiocaidean agus barrachd fiosrachaidh mun tachartas air làrach-lìn na Fèis Poileataigs.