Tha am fiosrachadh as ùire mu chosgaisean pàrlamaideach nam BPA air fad air fhoillseachadh air an eadar-lìon an-diugh. Tha cosgaisean cairteil 4 bhon bhliadhna ionmhais 2023/24 a-nis rim faighinn air-loidhne tro ghoireas rannsachaidh stòr-dàta na Pàrlamaid.
Tha pàipear-ullachaidh a tha ag innse cosgaisean iomlan ceann-bliadhna air fhoillseachadh an-diugh cuideachd.
Is e £25,359,035 an àireamh iomlan airson na bliadhna ionmhais 2023/24. Is e àrdachadh de £1,891,082 no 8.06% a tha seo air figear co-chosmhail na bliadhna roimhe de £23,467,953.
Thuirt neach-labhairt Pàrlamaid na h-Alba:
“Mar a thachras gach bliadhna, is e tuarastalan luchd-obrach a’ chosgais as motha, le £20.60m a’ còmhdach cosnadh luchd-obrach ann an oifisean pàrlamaideach is ionadail BPA – sin 81.25% den chosgais iomlan.
“Tha an còrr a’ còmhdach cosgais ruith nan oifisean sin, siubhal, agus taic do cheannardan phàrtaidhean nach eil san riaghaltas.”
Thuirt an neach-labhairt cuideachd:
“Tha an t-àrdachadh 8.06% ann an cosgaisean mar thoradh air Clàr Prìsean Reic a’ ruith aig còrr is 13% san Fhaoilleach 2023, agus Cosnadh Cuibheasach Seachdaineach nas àirde na 5%.
Goireas rannsachaidh:
Chithear mion-fhiosrachadh mu chosgaisean BPA tro ghoireas rannsachaidh stòr-dàta na Pàrlamaid:
Rannsachadh Cosgaisean BPA Pàrlamaid na h-Alba
Pàipear-ullachaidh 2023/24:
Gheibhear pàipear-ullachaidh a tha a’ mìneachadh mion-fhiosrachadh mu chaiteachas iomlan airson 2023/24 an seo:
Cosgaisean Iomlan airson na bliadhna ionmhais | Làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba
Fiosrachadh mu thuarastalan luchd-obrach BPA
Gheibhear fiosrachadh mu chosgaisean sgioba-obrach airson 2023/24 an seo:
Cosgaisean Luchd-obreach: 2023-24 | Làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba
Sgeama Cosgaisean BPA
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun Sgeama Chosgaisean an seo::
Rannsaich cosgaisean BPA | Làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba
Cosgaisean ann an cruth Open Data
Tha fiosrachadh mu chosgaisean ràitheil cuideachd air fhoillseachadh ann an cruth Open Data a tha inneal-leughte agus a leigeas leis an neach-cleachdaidh fiosrachadh amh a riaghladh agus ath-riochdachadh ann an diofar dhòighean.
Faodar faighinn gu na seataichean dàta tron API againn no mar aon phasgan de mu 60-70MB a ghabhas luchdachadh a-nuas.
Tha cairtealan 1-3 airson 2023/24 rim faighinn mu thràth. Thoir fa-near: Bidh cairteal 4 ri fhaighinn ann an cruth open data bho Dhiluain 11 Samhain.
Duilleag dachaigh airson Open Data
https://data.parliament.scot/#/home
Ceangal gu na seataichean dàta a bhios sinn a’ foillseachadh:
https://data.parliament.scot/#/dataset

