Tha sinn air bhidio ùr fhoillseachadh sa Ghàidhlig mu athchuingean poblach.
Tha e a’ freagairt tòrr cheistean chumanta, a’ gabhail a-steach:
- Ciamar a chuireas tu athchuinge a-steach?
- Cia mheud ainm a dh’fheumas tu?
- Am faod e a bhith mu chuspair sam bith?
- Am faod mi athchuinge a chur a-steach air-loidhne?
- Dè thachras às dèidh dhomh athchuinge a chur a-steach?
Gheibh thu na freagairtean do na ceistean sin uile agus tòrr a bharrachd fiosrachaidh anns a’ bhidio!
Alasdair MacCaluim, Oifigear Gàidhlig
gaidhlig@scottish.parliament.scot

