Dè th’ anns a’ chunntas-sluaigh?
’S e Cunntas-sluaigh na h-Alba an cunntas oifigeil de gach duine agus dachaigh anns an dùthaich.
Bidh an cunntas-sluaigh a’ cruinneachadh fiosrachadh mu far a bheil thu a’ fuireach agus mu na daoine a tha a’ fuireach ann.
Tha cunntas-sluaigh air a bhith ann an Alba gach 10 bliadhna bho 1801, ach a-mhàin ann an 1941. Chaidh cunntas 2021 ann an Alba a ghluasad gu 2022 an dèidh COVID-19.
Cuidichidh na freagairtean a bheir thu dhuinn gus cruth a chur air seirbheisean poblach na h-Alba san àm ri teachd.
Lorg tuilleadh mu dheidhinn:
- mar a tha fiosrachadh cunntais-sluaigh air Alba a chuideachadh
- mar a dhìonas sinn do phrìobhaideachd
- mar a chleachdas riaghaltas fiosrachadh cunntais-sluaigh
Gheibh sibh tuilleadh a-mach mu eachdraidh a’ chunntais air làrach-lìn Cunntas-sluaigh na h-Alba.
Là cunntais-sluaigh
’S e 20 Màirt 2022 là a’ chunntais-sluaigh ach chan fheum a h-uile duine an cunntas a chrìochnachadh an là ud.
Faodaidh tu crìochnachadh do cheisteachan nuair a gheibh thu do litir ach thèid faighneachd dhut fiosrachadh a thabhann a tha fìor air là a’ chunntais-sluaigh.
Tha seo cudromach ’s e a’ toirt dealbh de dh’Alba air an là ud.
Dleastanas laghail
Feumaidh gach dachaigh ann an Alba an cunntas-sluaigh a lìonadh.
Mar cheann-teaghlaich, tha dleastanas laghail ort an ceisteachan a lìonadh. Dh’fhaoidte gun tèid do thoirt gu lagh:
- ma dhiùltas tu an ceisteachan a lìonadh
- mura freagair thu ceist (ach a-mhàin an fheadhainn a tha air an comharrachadh saor-thoileach)
- ma bheir thu seachad freagairt bhreugach do cheist
- ma chuireas tu d' ainm ri sgrìobhainn breugach
Ann an cuid de shuidheachaidhean, dh’fhaodte gum faigh thu clàr eucoireach agus càin.
Chan eil na freagairtean agad a’ toirt buaidh air na còraichean, dleastanasan no inbhean laghail agad, no aig na daoine ris a bheil na freagairtean a’ buntainn.
Cò a bhios a’ ruith a’ chunntais-sluaigh
Ann an Alba, tha Clàran Nàiseanta na h-Alba an urra ris a’ chunntas-sluaigh.
Ann an Sasainn agus sa Chuimrigh, tha an Office for National Statistics an urra ris.
Agus ann an Èirinn a Tuath, tha Northern Ireland Statistics and Research Agency an urra ris.